Gnàth‐fhacal 28
28
1 Soirbhichidh leis an duine a ghluaiseas na ionracas, 7 ach esan a nì gu h‑aingidh tuitidh e na shlochd fhèin.
1Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air#Lebh 26:17, 36; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.
2Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan.
3Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan#Mat 18:28‐30, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh.
4Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh#Salm 10:3; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu#Eph 5:11.
5Cha tuig droch dhaoine breitheanas#Salm 92:6; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean#Eòin 7:17; 1 Cor 2:15; 1 Eòin 2:20, 27.
6Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir.
7An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd‐craois, nàraichidh e a athair.
8An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich#Iob 27:16, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd.
9An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha#Sech 7:11, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd.
10An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha.
11Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e.
12Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear#28:12 no, iarrar, sirear. duine.
13An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair#Salm 32:3, 5.
14Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc#Ròm 2:5.
15Mar leòmhann beucach, agus mar mhath‐ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.
16Am fear‐riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear‐fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean.
17An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.
18An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e#Salm 84:11; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum.
19An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige.
20Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach#28:20 gun pheanas..
21Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine.
22Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir#1 Tim 6:9; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air.
23An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh‐ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.
24An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear‐millidh.
25An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e.
26An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.
27An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd.
28Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 28: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017