Gnàth‐fhacal 27
27
1 Cha chòir uaill a dhèanamh a‑thaobh an là màireach. 12 Seachnaidh an duine crìonna an t‑olc, 23 agus bithidh aithne mhaith aige air staid a thaighe.
1Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach#Lùc 12:19; Seum 4:13‐16; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe.
2Moladh neach eile thu, agus na b’e do bheul fhèin; coigreach, agus na b’iad do bhilean fhèin.
3Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile.
4Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù#1 Eòin 3:12?
5Is fheàrr achmhasan follaiseach na gràdh falaichte#Gnà 28:23.
6Is dìleas lotan caraid#Salm 141:5; ach is cealgach pògan eascaraid.
7Gabhaidh an t‑anam làn gràin den chìr‐mheala#Iob 6:7; ach don anam acrach is milis gach nì searbh.
8Mar eun air seachran o a nead, mar sin tha am fear a thèid air seachran o a àite fhèin.
9Nì ola‑ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin nì mìlsead caraid duine le comhairle a chridhe.
10Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.
11Bi glic, a mhic, agus dèan mo chridhe ait#Gnà 23:15, 24, agus bidh freagradh agam dhàsan a bheir masladh dhomh.
12Chì an duine crìonna olc#Salm 57:1‐3, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.
13Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach, agus airson ban‐choigrich gabh an geall uaithe.
14An tì a bheannaicheas a charaid le guth àrd, ag èirigh gu moch anns a’ mhadainn, measar e dha mar mhallachadh.
15Tha sìor‐shileadh uisge ann an là frasach#Gnà 19:13 agus bean aimhreiteach cosmhail ri a chèile.
16Ge bè dh’fhalaicheas i, falaichidh e a’ ghaoth, agus ola‑ungaidh a làimhe deise a bhrathas i fhèin.
17Geuraichear iarann air iarann, agus geuraichidh duine gnùis a charaid.
18Ge bè ghleidheas craobh‐fhìge#1 Cor 9:7, 13, ithidh e de a toradh; mar sin esan a dh’fheitheas air a mhaighistir, gheibh e urram#Marc 10:43; Col 3:22; 1 Pead 2:18‐21.
19Mar ann an uisge fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine.
20Cha sàsaichear ifrinn agus lèirsgrios#Gnà 30:16, agus cha sàsaichear sùilean dhaoine#Ecl 1:8.
21Mar a’ phoit‐ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir, mar sin tha duine do bheul an tì a mholas e.
22Ged phronn thu amadan ann an soitheach‐pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris#Isa 1:8; Ier 5:3.
23Biodh aithne mhath agad air staid do chaorach; thoir an aire dod threudan:
24Oir cha mhair beartas gu bràth#Seum 1:10, 11: agus am mair an crùn o linn gu linn?
25Nochdar am feur geàrrte, agus taisbeanaidh am feur maoth e fhèin#Salm 104:14, agus cruinnichear luibhean nam beann.
26Bidh na h‑uain a‑chum d’aodaich; agus is iad na gobhair luach d’fhearainn.
27Agus bidh nas leòr de bhainne ghobhar agad a‑chum bìdh, a‑chum biadh do theaghlaich, agus a‑chum beathachadh do mhaighdeannan.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 27: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017