YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 29

29
1 Nuair a riaghlas na fìreana soirbhichidh leis an t‑sluagh. 15 Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas do leanabh. 22 Mu thimcheall feirge, 23 uabhair, 24 agus co‑roinn ri gadaiche.
1Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann#1 Sam 2:34, agus sin gun leigheas.
2Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas#Est 8:15; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich#Est 3:15.
3Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait#Gnà 10:1; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin#Lùc 15:13, 30.
4Le breitheanas daingnichidh an rìgh an tìr; ach sgriosaidh am fear a ghabhas tìodhlacan i.
5Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas.
6Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.
7Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre.
8Bheir luchd‐fochaid baile ann an ribe; ach tillidh daoine glice fearg#Esec 22:30.
9Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann.
10Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach a anam.
11Cuiridh amadan an cèill a inntinn uile; ach cumaidh duine glic a‑staigh i gus an dèidh sin.
12Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.
13Coinnichidh am bochd agus an cealgair a chèile; bheir an Tighearna solas dan sùilean araon#Mat 5:25.
14Ma bheir rìgh breith air bochdan ann am fìrinn, daingnichear a rìgh‐chathair gu bràth#Salm 89:2.
15Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.
16Nuair a bhios na h‑aingidh lìonmhor, bidh easaontas lìonmhor: ach nì na fìreanan an leagadh.
17Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam.
18Far nach eil taisbeanadh#1 Sam 3:1, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan#Salm 119:2.
19Le briathran cha leasaichear seirbhiseach; oir ged thuig e, cha fhreagair e.
20A bheil thu a’ faicinn duine a tha dian na bhriathran? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth‐san.
21Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.
22Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.
23Islichidh uabhar duine#Daniel 5:20, 21; Mat 23:12; Gnìo 12:23; Seum 4:10 e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.
24An tì a nì co‑roinn ri gadaiche, fuathaichidh e a anam fhèin: cluinnidh e mallachadh, ach chan fhoillsich e.
25Bheir eagal duine ribe leis#Gen 12:12; 20:11; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte#Ecl 7:18.
26Iarraidh mòran deagh‐ghean an uachdarain#Salm 62:12; ach is ann on Tighearna a tha breitheanas gach duine.
27Is e fear na h‑euceirt gràinealachd nam fìrean: agus is e an tì a tha ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 29: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in