1
Gnàth‐fhacal 28:13
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.
Compare
Explore Gnàth‐fhacal 28:13
2
Gnàth‐fhacal 28:26
An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.
Explore Gnàth‐fhacal 28:26
3
Gnàth‐fhacal 28:1
Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.
Explore Gnàth‐fhacal 28:1
4
Gnàth‐fhacal 28:14
Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.
Explore Gnàth‐fhacal 28:14
5
Gnàth‐fhacal 28:27
An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd.
Explore Gnàth‐fhacal 28:27
6
Gnàth‐fhacal 28:23
An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh‐ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.
Explore Gnàth‐fhacal 28:23