YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 18

18
1 Chan eil tlachd aig an amadan ann an gliocas. 10 Tha an Tighearna na thùr làidir dhaibhsan a chuireas an dòigh ann. 21 Ann an cumhachd na teangaidh tha bàs agus beatha.
1A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas#18:1 ris gach gnothach; no, tha e danarra an aghaidh gach reusain..
2Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin.
3Nuair a thig an t‑aingidh, thig mar an ceudna tarcais, agus maille ri mì‑chliù masladh.
4Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais#Gnà 10:11.
5Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine#Lebh 19:15; Deut 16:19, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun‐os‑cionn ann am breitheanas.
6Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillean.
7Is e beul amadain a sgrios#Ecl 10:12, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin.
8Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan#Gnà 12:18, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.
9Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.
10Is tùr làidir ainm an Tighearna#Salm 18:2: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte#18:10 air àrdachadh..
11Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.
12Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd#Lùc 14:11.
13An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i#Eòin 7:51, is amaideachd agus nàire dha e.
14Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan#Salm 147:3?
15Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.
16Nì tìodhlac duine àite dha, agus bheir e an làthair dhaoine mòra e.
17Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e.
18Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.
19Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair#18:19 baile‐mòr. làidir#Gen 27:41; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt.
20Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e.
21Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh#Mat 12:37; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh#Isa 57:19.
22An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math#Gnà 19:14, agus gheibh e deagh‐ghean on Tighearna.
23Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.
24Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 18: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in