Gnàth‐fhacal 17
17
1 Dearbhaidh Dia smuaintean cridhe an duine. 7 Chan eil mòralachd ciatach do luchd‐dèanamh na h‑euceirt. 19 Sgriosar an neach a ghràdhaicheas aimhreit.
1Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit.
2Riaghlaidh seirbhiseach tuigseach os cionn a’ mhic a bhios na adhbhar nàire; agus am measg nam bràthair roinnidh e an oighreachd.
3Tha a’ phoit‐ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir; ach dearbhaidh an Tighearna na cridheachan#Ier 17:10.
4Bheir an droch dhuine an aire do bhilean na h‑euceirt; èisdidh am breugaire ri teangaidh an aimhleis.
5An tì a nì fanaid air a’ bhochd, bheir e masladh da Chruithear#Gnà 14:31: an tì a nì gàirdeachas ri dòrainn#Iob 31:29; Obad 1:11‐16, cha bhi e neochiontach#17:5 gun pheanas..
6Is iad clann an cloinne#Salm 127:5 coron sheann daoine; agus is iad an athraichean urram cloinne.
7Chan eil cainnt na mòralachd#17:7 cainnt òirdheirc.s ciatach don amadan: nach lugha na sin a tha bilean na brèige ciatach do dhuine mòr.
8Is clach uasal tìodhlac ann an sùilean an tì aig am bi e; ge bè taobh gus an tionndaidh e, soirbhichidh leis.
9An tì a cheileas cionta, cosnaidh e gràdh; ach esan a dh’aithriseas nì, dealaichidh e càirdean.
10Drùdhaidh achmhasan nas mò air duine glic na ceud buille air amadan#Gnà 15:5.
11Is ceannairc a‑mhàin a dh’iarras an droch dhuine; uime sin cuirear teachdaire an‑iochdmhor na aghaidh.
12Tachradh math‐ghamhainn air call a cuileanan air duine#Hos 13:8 nas luaithe na amadan na amaideachd.
13Ge bè dh’ìocas olc airson maith, cha dealaich olc ra thaigh#Salm 55:12‐15.
14Mar gun leigeadh neach a‑mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i#Gnà 20:3.
15Tha an tì a shaoras an t‑aingidh#Ecs 23:7; Isa 5:23, 24, agus an tì a dhìteas am fìrean, araon nan gràinealachd don Tighearna.
16Carson a tha luach ann an làimh amadain a dh’fhaotainn gliocais, agus e gun rùn#17:16 gun chridhe. aige?
17Anns gach àm gràdhaichidh caraid#Gnà 18:24; 1 Sam 23:16, 17; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.
18Is duine gun tuigse a bhuaileas a làmh, a thèid an urras am fianais a charaid.
19Gràdhaichidh esan peacadh#Seum 3:16, a ghràdhaicheas aimhreit: an tì a dh’àrdaicheas a dhoras, iarraidh e sgrios.
20An tì a tha fiar na chridhe, chan fhaigh e math; agus an tì a tha lùbach na theangaidh, tuitidh e ann an olc.
21An tì a ghineas amadan, ginidh e e a‑chum a dhoilgheis fhèin; oir cha bhi sòlas air athair amadain.
22Nì cridhe subhach math mar leigheas; ach tiormaichidh spiorad briste na cnàmhan#Gnà 18:14.
23Bheir droch dhuine tìodhlac as a uchd, a chlaonadh slighean a’ bhreitheanais.
24Fa chomhair an duine thuigsich tha gliocas#Ecl 2:14; ach tha sùilean amadain ann an iomall na talmhainn.
25Tha am mac amaideach na dhoilgheas da athair, agus na shearbhas dhise a rug e.
26Mar an ceudna chan eil e math peanas a dhèanamh air an fhìrean, no àrd‐uaislean a bhualadh airson ceartais.
27Caomhnaidh an tì aig a bheil eòlas a bhriathran#Seum 1:19; agus bidh fear na tuigse ciùin na spiorad.
28Measar an t‑amadan fhèin, nuair a bhios e na thosd, na dhuine glic; agus an tì a dhruideas a bhilean na dhuine tuigseach.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 17: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017