1
Gnàth‐fhacal 18:21
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh.
Compare
Explore Gnàth‐fhacal 18:21
2
Gnàth‐fhacal 18:10
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
Explore Gnàth‐fhacal 18:10
3
Gnàth‐fhacal 18:24
Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.
Explore Gnàth‐fhacal 18:24
4
Gnàth‐fhacal 18:22
An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh‐ghean on Tighearna.
Explore Gnàth‐fhacal 18:22
5
Gnàth‐fhacal 18:13
An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e.
Explore Gnàth‐fhacal 18:13
6
Gnàth‐fhacal 18:2
Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin.
Explore Gnàth‐fhacal 18:2
7
Gnàth‐fhacal 18:12
Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.
Explore Gnàth‐fhacal 18:12