Gnàth‐fhacal 19
19
1 Bàsaichidh an t‑anam a bhitheas amaideach agus as eugmhais eòlais. 16 Èiridh gu maith dhàsan a gleidheas lagh an Tighearna. 26 Bheir mac aingidh masladh agus nàire air athair.
1Is fheàrr am bochd a ghluaiseas na ionracas#Gnà 28:6, na esan a tha fiar na bhilean agus e na amadan.
2Mar an ceudna cha mhath don anam a bhith as eugmhais eòlais; agus an tì a nì cabhag le a chasan, tuislichidh e.
3Claonaidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tighearna nì a chridhe gearan#Isa 8:21; Ion 4:1, 4, 9.
4Nì saoibhreas mòran chàirdean; ach sgarar am bochd o a charaid.
5Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as.
6Iarraidh mòran deagh‐ghean an duine mhòir; agus bidh gach duine na charaid do fhear nan tìodhlac.
7Bheir uile bhràithrean an duine bhochd fuath dha: nach mò na sin a thèid a chàirdean am fad uaithe? Leanaidh e iad le briathran, ach tha iad a dhìth air.
8An tì a gheibh gliocas, gràdhaichidh e a anam fhèin#Gnà 2:10‐12; an tì a ghleidheas tuigse, gheibh e math.
9Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus sgriosar an tì a labhras breugan.
10Chan eil aoibhneas iomchaidh do amadan; is lugha na sin do sheirbhiseach riaghladh os cionn uachdaran.
11Nì tuigse duine mall a‑chum feirge, agus is i a ghlòir amharc thairis air eucoir#Gnà 16:32.
12Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh‐ghean#Hos 14:5.
13Is adhbhar doilgheis da athair mac amaideach; agus mar shìor‐shileadh uisge tha aimhreitean mnà#Gnà 27:15.
14Is iad oighreachd athraichean taigh agus saoibhreas#2 Cor 12:14; ach is ann on Tighearna a tha bean chiallach#Gnà 18:22.
15Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chadal; agus fuilingidh an t‑anam dìomhanach acras#2 Tes 3:10.
16An tì a ghleidheas an àithne, gleidhidh e a anam fhèin#Lùc 10:28; ach an tì a nì tàir air a shlighean gheibh e bàs.
17An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna#Ecl 11:1; 2 Cor 9:6‐9; agus an nì a bheir e uaithe#19:17 no, a ghnìomh., ìocaidh e dha a‑rìs.
18Smachdaich do mhac am feadh a tha dòchas da thaobh#Gnà 23:13, 14, agus na caomhnadh d’anam airson a ghearain#19:18 ach na tog d’anam a‑chum a mhilleadh..
19Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu a dhèanamh a‑rìs.
20Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlam, a‑chum gum bi thu glic ann ad làithean deireannach#Deut 32:29; Salm 90:12, 14.
21Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas#Salm 33:10, 11; Isa 14:26, 27; Gnìo 5:39.
22Is e tlachd duine a choibhneas; agus is fheàrr duine bochd na breugaire.
23Treòraichidh eagal an Tighearna gu beatha#1 Tim 4:8, agus gheibh esan a bhios air a lìonadh leis fois; chan fhiosraichear le olc e.
24Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; uiread is a‑chum a bheòil cha tabhair e i a‑rìs.
25Buail fear‐fochaid, agus bidh an duine neo‐gheur air a fhaicill; agus cronaich duine tuigseach, agus tuigidh e eòlas.
26An tì a chreachas a athair, agus a dh’fhògras a mhàthair, is mac a bheir nàire agus masladh e.
27Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.
28Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart#Iob 15:16; Hos 4:8.
29Dh’ullaicheadh breitheanais do luchd‐fochaid#Isa 29:20, agus buillean do dhruim nan amadan.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 19: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017