Gnàth‐fhacal 16
16
1 Tha Dia na Bhritheamh os cionn gach dùile. 16 Òirdheirceas a’ ghliocais. 27 Gnàthaichidh an duine neo‐dhiadhaidh aingidheachd an còmhnaidh.
1Tha deasachadh cridhe duine#Gnà 20:24; Ier 10:23 agus freagradh na teangaidh#Mat 10:19, 20 on Tighearna.
2Tha uile shlighean duine glan na shùilean fhèin; ach cothromaichidh an Tighearna na spioradan.
3Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean.
4Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc#Ròm 9:22.
5Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe#Gnà 8:13: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas.
6Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart#Salm 85:10; Daniel 4:27; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc#Gnà 14:27.
7Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine#Ròm 8:31, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.
8Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd‐a‑steach mòr gun cheartas.
9Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe#Gnà 19:21; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman#Salm 37:23; Ier 10:23.
10Tha fàistneachd air bilean an rìgh: ann am breitheanas cha dèan a bheul euceart.
11Is leis an Tighearna tomhaisean agus meidhean cearta#Gnà 12:25: is iad uile chlachan‐tomhais a’ mhàla a obair‐san.
12Is gràinealachd do rìghrean aingidheachd a dhèanamh; oir le ionracas daingnichear an rìgh‐chathair#Gnà 29:14.
13Is taitneach do rìghrean bilean an ionracais; agus is ionmhainn leo esan a labhras nithean cearta.
14Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i.
15Ann an solas gnùis rìgh tha beatha; agus tha a dheagh‐ghean mar neul an uisge dheireannaich.
16Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr#Gnà 8:11, 19; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?
17Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam#Gnà 10:9.
18Ro sgrios thèid uabhar#Est 6:6, etc.; Daniel 4:31; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.
19Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich.
20An tì a nì gnothach gu tuigseach, gheibh e math: agus an tì a dh’earbas as an Tighearna is sona e.
21Goirear duine crìonna den tì a tha glic na chridhe; agus meudaichidh mìlse nam bilean fòghlam.
22Is tobar beatha an tuigse don tì aig a bheil i; ach is amaideachd fòghlam nan amadan.
23Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam.
24Mar chìr‐mheala tha briathran taitneach, milis don anam#Salm 19:10 agus nan slàinte do na cnàmhan.
25Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine#Gnà 12:26; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch.
26An tì a shaothraicheas, saothraichidh e air a shon fhèin; oir iarraidh a bheul air e.
27Cladhaichidh an duine neo‐dhiadhaidh olc; agus air a bhilean bidh mar theine loisgeach.
28Togaidh an duine fiar aimhreit; agus dealaichidh fear na cagarsaich càirdean sònraichte.
29Meallaidh fear an fhòirneirt a choimhearsnach, agus bheir e air imeachd air slighe nach eil math.
30Druididh e a shùilean a‑chum smaoineachadh air nithean fiara; a’ gluasad a bhilean, bheir e olc gu crìch.
31Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.
32Is fheàrr an tì a tha mall a‑chum feirge na gaisgeach; agus an tì a riaghlas a spiorad fhèin na esan a ghlacas àrd‐bhaile.
33Anns an uchd tilgear an crannchur#Ion 1:7; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 16: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017