1
Gnàth‐fhacal 17:17
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.
Compare
Explore Gnàth‐fhacal 17:17
2
Gnàth‐fhacal 17:22
Nì cridhe subhach math mar leigheas; ach tiormaichidh spiorad briste na cnàmhan.
Explore Gnàth‐fhacal 17:22
3
Gnàth‐fhacal 17:9
An tì a cheileas cionta, cosnaidh e gràdh; ach esan a dh’aithriseas nì, dealaichidh e càirdean.
Explore Gnàth‐fhacal 17:9
4
Gnàth‐fhacal 17:27
Caomhnaidh an tì aig a bheil eòlas a bhriathran; agus bidh fear na tuigse ciùin na spiorad.
Explore Gnàth‐fhacal 17:27
5
Gnàth‐fhacal 17:28
Measar an t‑amadan fhèin, nuair a bhios e na thosd, na dhuine glic; agus an tì a dhruideas a bhilean na dhuine tuigseach.
Explore Gnàth‐fhacal 17:28
6
Gnàth‐fhacal 17:1
Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit.
Explore Gnàth‐fhacal 17:1
7
Gnàth‐fhacal 17:14
Mar gun leigeadh neach a‑mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i.
Explore Gnàth‐fhacal 17:14
8
Gnàth‐fhacal 17:15
Tha an tì a shaoras an t‑aingidh, agus an tì a dhìteas am fìrean, araon nan gràinealachd don Tighearna.
Explore Gnàth‐fhacal 17:15