YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 15

15
1 Is craobh beatha teangadh nan daoine glice. 8 Tha ìobairt nan aingidh na gràineileachd do Dhia. 27 Bheir esan a tha sanntach na chridhe buaireas air a thaigh fhèin.
1Tillidh freagradh mìn corraich#Bri 8:1, 3; 1 Sam 25:24, etc.; ach dùisgidh briathran garga fearg.
2Cuiridh teanga nan daoine glice an cèill eòlas gu ceart; ach dòirtidh#15:2 brùchdaidh. beul nan amadan a‑mach amaideachd.
3Tha sùilean an Tighearna anns gach àite#Iob 34:21; Ier 32:19; Eabh 4:13, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine.
4Is craobh beatha teanga fhallain#1 Tim 6:3; ach is briseadh spioraid fiaradh innte.
5Nì amadan tàir air teagasg a athar; ach is ciallach an tì a bheir an aire do achmhasan#Gnà 13:18.
6Ann an taigh an fhìrein tha mòran ionmhais; ach ann an teachd‐a‑steach an aingidh tha buaireas.
7Sgaoilidh bilean nan daoine glice eòlas; ach cha dèan cridhe nan amadan mar sin.
8Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh#Gnà 28:9; Isa 1:11; 61:8; Ier 6:20; Amos 5:22; Eòin 4:24; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.
9Is gràinealachd don Tighearna slighe an aingidh; ach is ionmhainn leis an tì a leanas an dèidh fìreantachd#Isa 26:7.
10Is searbh smachdachadh dhàsan a thrèigeas an t‑slighe; ach gheibh esan lem fuathach achmhasan, bàs#Gnà 5:11, 12.
11Tha ifrinn agus sgrios fa chomhair an Tighearna#Iob 26:6; Salm 139:8: cia mòr as mò na sin cridheachan clann nan daoine#2 Each 6:30; Salm 7:9; Eòin 21:17; Gnìo 1:24?
12Cha toigh le fear‐fochaid esan a chronaicheas e#Amos 5:10; 2 Tim 4:3; agus a dh’ionnsaigh dhaoine glice cha tèid e#Iob 21:14.
13Nì cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a chridhe brisear an spiorad#Gnà 12:25.
14Iarraidh cridhe an duine thuigsich eòlas; ach beathaichear beul nan amadan le amaideachd.
15Tha uile làithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a‑ghnàth an cridhe ait.
16Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna#1 Tim 6:6 na ionmhas mòr agus buaireas leis.
17Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.
18Dùisgidh fear feargach connsachadh; ach esan a tha mall a‑chum feirge, ciùinichidh e aimhreit.
19Tha slighe an leisgein mar ghàrradh droighinn#Gnà 22:5, 13; ach tha rathad nan ionraic air a dhèanamh rèidh#Salm 27:11; Isa 35:8.
20Nì mac glic athair aoibhneach; ach nì mac amaideach tàir air a mhàthair.
21Is adhbhar aoibhneis amaideachd dhàsan a tha as eugmhais gliocais; ach imichidh fear na tuigse gu dìreach#Eph 5:15.
22Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.
23Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e!
24Tha slighe na beatha shuas don duine ghlic#Eòin 14:6, a‑chum dol as o ifrinn shìos.
25Sgriosaidh an Tighearna taigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich.
26Is gràinealachd don Tighearna smuaintean dhroch dhaoine#Gnà 6:16, 18; ach is briathran taitneach briathran nam fìorghlan#Salm 37:30.
27Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin#Isa 5:8; Hab 2:9, 10 a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais‐bhratha, beò.
28Smaoinichidh cridhe an fhìrein cionnas as còir dha freagradh#1 Pead 3:15; ach dòirtidh beul nan aingidh a‑mach droch nithean.
29Tha an Tighearna fada o na h‑aingidh; ach èisdidh e ri ùrnaigh nam fìrean.
30Nì solas nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deagh chliù smior do na cnàmhan.
31Gabhaidh a’ chluas a dh’èisdeas ri achmhasan na beatha còmhnaidh am measg nan daoine glice#Gnà 15:5.
32An tì a dhiùltas fòghlam, nì e tàir air a anam fhèin; ach an tì a dh’èisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse.
33Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd#Seum 4:10.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 15: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in