YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 14

14
1 Claonaidh an t‑amadan a shlighe, 9 agus nì e magadh den pheacadh. 20 Le a choimhearsnach fhèin fuathaichear an duine bochd. 29 Is duine glic esan a tha mall chum feirge.
1Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas#Gnà 24:3; Rut 4:11; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin.
2Esan a ghluaiseas na ionracas#Salm 25:21 bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air#Ròm 2:4.
3Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glice iad.
4Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh.
5Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.
6Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda#Gnà 8:9.
7Imich à làthair an duine amaidich, nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais.
8Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan.
9Nì amadain magadh den pheacadh#Gnà 10:23; ach am measg nam fìrean tha deagh‐ghean.
10Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.
11Tilgear taigh nan aingidh bun‐os‑cionn#Iob 8:15; Mat 7:26, 27; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.
12Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis#Ròm 6:21.
13Ann an gàire fhèin bidh an cridhe brònach#Ecl 2:2; agus is e deireadh an t‑subhachais sin tùirse.
14Le a shlighean fhèin lìonar esan a thionndaidh air ais na chridhe#Gnà 1:31; Ier 2:19; agus uaithe fhèin sàsaichear an duine math.
15Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum#Gnà 4:26.
16Bidh eagal air an duine ghlic#Gnà 16:6; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn.
17An tì air am bi fearg gu h‑obann#Seum 1:19, nì e gu h‑amaideach; agus fuathaichear fear nan droch innleachd.
18Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le eòlas.
19Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha#Salm 40:14; Mal 4:3, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein.
20Eadhon le a choimhearsnach fhèin fuathaichear duine bochd#Gnà 19:7; ach is lìonmhor iad leis an ionmhainn an duine saoibhir.
21An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan#Salm 41:1‐3.
22Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math.
23Anns gach saothair bidh tairbhe; ach thig cainnt nam bilean a‑mhàin gu uireasbhaidh.
24Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan.
25Saoraidh fianais fhìor anaman; ach labhraidh fianais chealgach breugan.
26Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir#Ecl 7:18; agus aig a chloinn bidh dìdean.
27Is e eagal an Tighearna tobar na beatha#Isa 33:6, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.
28Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.
29An tì a tha mall a‑chum feirge, tha e pailt ann an tuigse#Gnà 16:32; ach esan a tha dian#14:29 goirid, grad. na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.
30Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad.
31An tì a shàraicheas am feumach, maslaichidh e a Chruithear#Gnà 22:2; ach bheir an tì sin urram dha, a ghabhas truas den bhochd.
32Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs#2 Tim 4:6‐8; Tais 14:13.
33Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas tàmh; ach aithnichear an nì a tha an taobh a‑staigh nan amadan#Gnà 29:11.
34Ardaichidh fìreantachd cinneach#2 Each 17:2‐5, 10, 11; ach is e am peacadh masladh sluaigh air#Gnà 11:11 bith.
35Bidh deagh‐ghean an rìgh aig seirbhiseach glic#Mat 24:45; ach bidh a fhearg na aghaidh‐san a bhios na adhbhar nàire.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 14: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in