YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 9

9
1 Aoibhneas na h‑eaglais airson teachd rìoghachd Chrìosd. 8 Na breitheanais a bheir Dia air Israel airson an uabhair; 13 am mì‑chreidimh, 18 agus an aingidheachd.
1Gidheadh cha bhi an doilleireachd mar a bha ri linn a h‑àmhghair, nuair a bhuail e gu h‑aotrom an toiseach talamh Shebuloin agus talamh Naphtali, agus na dhèidh sin bhuail e na bu truime e, air slighe na fairge, taobh thall Iòrdain, Galile nan cinneach.
2An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr#Mat 4:15, 16; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.
3Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.
4Oir bhris thu cuing a eallaich, agus bata a ghuailne, slat an fhir a shàraich e, mar ann an là Mhidiain#Bri 7:21, etc..
5Oir tha gach uile chath an fhir‐chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.
6Oir rugadh dhuinne duine‐cloinne#Isa 7:14; Lùc 2:11, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn#Mat 28:18; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach#Eabh 1:8, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe#Eph 2:14.
7Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch#Daniel 2:44; 1 Cor 15:25, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
8Chuir an Tighearna facal a dh’ionnsaigh Iàcoib, agus thuit e air Israel.
9Agus bidh fios aig an t‑sluagh uile, aig Ephraim agus fear‐àiteachaidh Shamaria, a tha ag ràdh, ann an uaill agus àrdan cridhe,
10Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite.
11Uime sin àrdaichidh an Tighearna luchd‐mìoruin Resin na aghaidh, agus togaidh e suas a naimhdean le chèile;
12Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
13Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad#Ier 5:3; Hos 7:10; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:
14Uime sin gearraidh an Tighearna as o Israel an ceann agus an t‑earball, a’ gheug agus an luachair, ann an aon là.
15An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball.
16Oir tha luchd‐stiùraidh an t‑sluaigh seo gan cur air seachran; agus bidh iadsan a stiùrar leo air an slugadh suas.
17Air an adhbhar sin cha dèan an Tighearna gàirdeachas os cionn an òganach#Ier 18:21, cha mhò a nì e iochd rin dìlleachdain agus am bantraichean; oir tha gach aon dhiubh na chealgair agus na fhear dòbheairt, agus tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
18Oir loisgidh aingidheachd mar theine#Mal 4:1; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas.
19Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr#Gnìo 2:20; agus bidh an sluagh mar chonnadh#9:19 mar bhiadh. airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin#Mic 7:2, 6.
20Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte#Lebh 26:26; Ier 19:9; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin#Isa 49:26.
21Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Currently Selected:

Isaiah 9: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in