YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 10

10
1 Èiridh gu h‑olc dhaibh‐san a tha ag òrdachadh reachdan eucorach. 5 Claoidhidh Dia na h‑Asirianaich airson an droch ghnìomharan. 20 Tèarnar iarmad de Israel. 24 Fhuair Iùdah gealladh air saorsa. 28 Sgrios nan Asirianach.
1Is truagh dhaibhsan a tha ag òrdachadh reachdan eucorach#Salm 94:20, na sgrìobhaichean a tha ag àithneadh fòirneirt;
2A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.
3Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh#Iob 31:14; Hos 9:7; Tais 6:17, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir?
4As m’eughmhais‐sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
5Ho, Asirianaich#10:5 no, an‑aoibhinn don Asirianach., slat mo chorraich#Ier 51:20, 21; agus am bata nan làimh is e sin m’fhearg.
6An aghaidh cinnich chealgaich cuiridh mi e; agus an aghaidh sluaigh ris a bheil mo chorraich bheir mi dha àithne#Ier 47:6, 7 a thogail creiche, agus a thoirt leo cobhartaich; agus gan saltairt sìos mar chlàbar nan sràidean.
7Gidheadh chan e sin a bhios na aire‐san#Mic 4:12, agus chan e rùn a chridhe e; ach is e milleadh a tha na chridhe, agus cinnich nach gann a ghearradh as.
8Oir their e, Nach eil mo cheannardan uile nan rìghrean?
9Nach eil Calno#Amos 6:2 mar Charchemis#2 Each 35:20? Nach eil Hamat#Ier 49:23 mar Arphad? Nach eil Samaria mar Dhamascas#2 Rìgh 16:9?
10Mar a ghlac mo làmh rìoghachdan nan iodhalan, aig an robh dealbhan snaidhte na b’fheàrr na iad sin a tha ann an Ierusalem agus ann an Samaria;
11Mar a rinn mi ri Samaria agus ra h‑iodhalan, nach dèan mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus ra dealbhan‐sa?
12Ach tàrlaidh, nuair a choileanas an Tighearna a obair gu h‑iomlan air sliabh Shioin agus air Ierusalem, gun dèan mi dìoghaltas air toradh cridhe uaibhreach#2 Rìgh 19:36, 37; Ier 50:18 rìgh Asiria, agus air sealladh àrd a shùl.
13Oir their e, Le neart mo làimhe rinn mi e, agus lem ghliocas; oir tha deagh thuigse agam; agus dh’atharraich mi crìochan nam fineachan, agus chreach mi an ionmhasan, agus leag mi sìos an sluagh mar dhuine treun:
14Agus fhuair mo làmh, mar nead, maoin nan slògh; agus mar a chruinnicheas neach uibhean a thrèigeadh, mar sin chruinnich mise an talamh uile; agus cha robh aon a ghluais an sgiath, a dh’fhosgail an gob, no a rinn bìog.
15An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha#Ier 51:20? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.
16Air an adhbhar sin#Gnìo 12:23 cuiridh an Tighearna, Tighearna nan sluagh, caoile air a’ mhuinntir reamhair#Salm 106:15; agus fo a òirdheirceas fadaidh e losgadh, mar losgadh teine.
17Agus bidh solas Israeil na theine#Eabh 12:29, agus a Thì naomh na lasair; agus loisgidh agus caithidh e a dhroigheann agus a dhris ann an aon là#Isa 37:36:
18Agus caithidh e glòir a fhrìthe, agus a achaidh thairbhich, eadar anam agus fheòil; agus bidh iad mar fhear‐iomchair brataich a’ call a threòir.
19Agus bidh fuidheall craobhan a choille tearc, ionnas gun sgrìobh leanabh an àireamh.
20Agus tàrlaidh anns an là sin nach leig iarmad Israeil, agus iadsan a thèid as de thaigh Iàcoib, an taic nas mò#2 Each 28:20 air an fhear a bhuail iad; ach leigidh iad an taic air an Tighearna#Hos 14:3, Tì naomh Israeil, ann am fìrinn.
21Tillidh fuidheall#Isa 6:13; 65:8, 9, eadhon fuidheall de Iàcob, a dh’ionnsaigh Dhè uile‐chumhachdaich.
22Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh#Ròm 9:27, 28. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh#Isa 28:22; Daniel 9:27, ruithidh e thairis le ceartas.
23Oir sgrios, eadhon sgrios sònraichte nì Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann am meadhon na tìre uile.
24Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Na biodh eagal ort, O mo shluagh#Isa 37:6, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, ron Asirianach; le slait buailidh e thu, agus a bhata togaidh e suas ad aghaidh, a rèir gnàth na h‑Eiphit.
25Ach fhathast ùine ro‑gheàrr, agus coileanar#10:25 no, sguiridh. m’fhearg#Daniel 11:36, agus mo chorraich nan lèirsgrios#2 Rìgh 19:35.
26Agus togaidh Tighearna nan sluagh slat‐sgiùrsaidh na aghaidh, cosmhail ri àr Mhidiain aig#Bri 7:25 carraig Oreib: agus mar a bha a shlat air an fhairge, mar sin togaidh e suas i, a rèir gnàth na h‑Eiphit.
27Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola‑ungaidh#Daniel 9:24.
28Thàinig e gu Aiat, chaidh e thairis gu Migron#1 Sam 14:2; aig Michmas#1 Sam 13:5 taisgidh e a àirneis.
29Chaidh iad a‑null air an aiseag#1 Sam 13:23; ann an Gebah#Ios 21:17 ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith#Hos 5:8; tha Gibeah Shauil#1 Sam 14:4 a’ teicheadh.
30Tog suas do ghuth, O nighean Ghallim#1 Sam 25:44; cluinnear e gu ruig Lais#Bri 18:29, O Anatot#Ier 1:1 thruagh.
31Theich Madmenah#Ios 15:31; tha luchd‐àiteachaidh Ghebim air gabhail na ruaige.
32Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob#1 Sam 21:1; crathaidh e a làmh#Isa 13:2 an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.
33Feuch, sgathaidh Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, a’ gheug le luasgadh mòr#Esec 31:3‐17; agus bidh iadsan as àirde fàs air an gearradh sìos, agus na h‑uaibhrich air an ìsleachadh.
34Agus gearraidh e dosan na frìthe le iarann; agus tuitidh Lebanon le làimh chumhachdaich.

Currently Selected:

Isaiah 10: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in