1
Isaiah 9:6
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Oir rugadh dhuinne duine‐cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Compare
Explore Isaiah 9:6
2
Isaiah 9:2
An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.
Explore Isaiah 9:2
3
Isaiah 9:7
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
Explore Isaiah 9:7
4
Isaiah 9:5
Oir tha gach uile chath an fhir‐chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.
Explore Isaiah 9:5
5
Isaiah 9:1
Gidheadh cha bhi an doilleireachd mar a bha ri linn a h‑àmhghair, nuair a bhuail e gu h‑aotrom an toiseach talamh Shebuloin agus talamh Naphtali, agus na dhèidh sin bhuail e na bu truime e, air slighe na fairge, taobh thall Iòrdain, Galile nan cinneach.
Explore Isaiah 9:1
6
Isaiah 9:3
Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.
Explore Isaiah 9:3
7
Isaiah 9:4
Oir bhris thu cuing a eallaich, agus bata a ghuailne, slat an fhir a shàraich e, mar ann an là Mhidiain.
Explore Isaiah 9:4