YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 65

65
1 Ghairm Dia na cinnich, agus thrèig e na h‑Iùdhaich airson am mì‑chreidimh agus an aingidheachd. 8 Tèarnar fuigheall dhiubh. 11 Thig breitheanas air an aingidh, ach beannaichear an t‑ionracan. 17 An nuadh Ierusalem.
1Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid#Ròm 9:24, 30; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm.
2Shìn mi a‑mach mo làmhan fad an là#Ròm 10:21 ri sluagh ceannairceach, a tha a’ gluasad ann an droch shlighe, a rèir an innleachdan fhèin;
3Sluagh a tha an còmhnaidh gam bhrosnachadh gu feirg rim aghaidh#Deut 32:21; ag ìobradh anns na liosan#Lebh 17:5, agus a’ losgadh tùise air na clachan‐creadha;
4A tha a’ fantainn am measg nan àiteachan‐adhlaic, agus a’ gabhail còmhnaidh anns na h‑uaimhean; a tha ag ithe feòil mhuc, agus aig a bheil sùgh nithean gràineil nan soithichean.
5A tha ag ràdh, Fan agad fhèin#Lùc 5:30; 18:9‐12; Ròm 2:17‐20, na tig am fagas dhòmhsa; oir is mise as naoimhe na thusa. Tha iad seo nan deataich ann am shròin, nan teine a tha a’ losgadh rè an là uile.
6Feuch, tha e sgrìobhte ann am làthair; chan fhan mi am thosd, ach ath‐dhìolaidh mi; seadh, ath‐dhìolaidh mi rin uchd,
7Ur n‑euceartan, agus euceartan ur n‑athraichean le chèile, deir an Tighearna, a loisg tùis air na slèibhtean, agus a thug toibheum dhomh air na cnuic; seadh, tomhaisidh mi air ais dhaibh nan uchd an obair a rinn iad roimhe seo.
8Mar seo deir an Tighearna, Amhail a gheibhear am fìon nuadh anns a’ bhagaide, agus a their neach, Na mill e, oir tha beannachadh ann; mar sin nì mise air sgàth mo sheirbhiseach; cha sgrios mi an t‑iomlan.
9Agus bheir mi a‑mach sliochd o Iàcob, agus o Iùdah, sealbhadair mo shlèibhtean; agus sealbhaichidh mo mhuinntir thaghte am fearann#Ròm 11:5, 7 agus gabhaidh m’òglaich tàmh ann.
10Agus bidh Sàron na chrò chaorach, agus gleann Achoir na bhuaile bhò, airson mo shluaigh‐sa, a bha gam iarraidh.
11Agus sibhse a thrèig an Tighearna, a dhìochuimhnich mo shliabh naomh; a tha a’ deasachadh bùird do Ghad, agus a’ lìonadh ìobairt‐dibhe do Mheni#65:11 àireamh.;
12Airmhidh mi sibhse a‑chum a’ chlaidheimh#Seph 1:4‐6 agus cromaidh sibh uile sìos a‑chum a’ chasgraidh; a chionn, nuair a ghlaodh mi, nach do fhreagair sibhse#2 Each 36:15; Gnà 1:24, etc.; nuair a labhair mi, nach d’èisd sibh; ach rinn sibh olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich sibh.
13Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich‐sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich‐sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich‐sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse:
14Feuch, seinnidh m’òglaich‐sa tre aoibhneas cridhe, ach glaodhaidh sibhse tre dhoilgheas cridhe#Mat 8:12; agus tre chràdh spioraid nì sibh caoineadh.
15Agus fàgaidh sibh ur n‑ainm mar mhallachadh dom mhuinntir thaghte‐sa#Sech 8:13; oir marbhaidh an Tighearna Iehòbhah thu, agus bheir e ainm eile air a òglaich.
16An neach a bheannaicheas e fhèin air talamh#Ier 4:2, beannaichidh e e fhèin ann an Dia na fìrinn; agus an neach a bheir mionnan air talamh#Deut 6:13; Salm 63:11, mionnaichidh e air Dia na fìrinn; a chionn gu bheil na h‑àmhgharan roimhe air an dìochuimhneachadh, agus a chionn gu bheil iad falaichte om shùilean.
17Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh#2 Pead 3:13; Tais 21:1; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.
18Ach dèanaibh‐se gàirdeachas, agus bithibh aoibhneach gu cian nan cian#Isa 51:11; 1 Tes 5:16, airson an nì a chruthaicheas mi; oir feuch, cruthaichidh mi Ierusalem na cùis‐aoibhneis, agus a sluagh nan cùis‐ghàirdeachais.
19Agus bidh mi aoibhneach ann an Ierusalem#Isa 62:5, agus nì mi gàirdeachas ann am shluagh; agus cha chluinnear guth caoidh no guth caoinidh innte nas mò#Tais 7:17.
20Oir cha bhi as a sin suas naoidhean geàrr‐shaoghalach, no seann duine nach do choilean a làithean; oir bàsaichidh an naoidhean nuair a ruigeas e ceud bliadhna a dh’aois; ach bidh am peacach a ruigeas ceud bliadhna a dh’aois mallaichte#Ecl 8:12, 13.
21Agus togaidh iad taighean#Amos 9:14, agus gabhaidh iad còmhnaidh annta; agus suidhichidh iad fìonliosan, agus ithidh iad den toradh.
22Cha dèan iadsan togail, agus neach eile àiteachadh#Lebh 26:16; Deut 28:30; cha dèan iadsan suidheachadh, agus neach eile ithe; oir mar làithean craoibhe#2 Tes 1:8 bidh làithean mo shluaigh‐sa; agus mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin.
23Cha saothraich iad gu dìomhain, cha mhò a ghineas iad sliochd a‑chum dragha; oir is iad sìol dhaoine beannaichte an Tighearna#Isa 61:9; Ròm 9:7, 8, agus an sliochd maille riu.
24Agus tàrlaidh, mun gairm iad, freagraidh mi; agus am feadh a bhios iad fòs a’ labhairt, èisdidh mi#Salm 32:5; Daniel 9:20‐23; 1 Eòin 5:14, 15.
25Nì am madadh‐allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile#Isa 11:6‐9; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair#Gen 3:14. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh‐sa uile, deir an Tighearna.

Currently Selected:

Isaiah 65: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in