Isaiah 66
66
1 Tha Dia a’ nochdadh da shluagh gu feum iad seirbhis a dhèanamh dha gu h‑iriosal, agus ann an treibhdhireas an cridhe. 5 Bheir an Tighearna comhfhurtachd dhaibhsan a ghluaiseas na eagal. 15 Dòirtidh e a chorraich air an aingidh. 18 Cruinnichear na h‑Iùdhaich agus na cinnich a dh’aon eaglais.
1Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh‐chathair#2 Each 6:18; Mat 5:34; Gnìo 17:24, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?
2Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad#Mat 5:3, agus a chriothnaicheas rom fhacal#Esra 9:4; 10:3; Gnà 28:14.
3Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.
4Roghnaichidh mise fòs am faoin‐smaointean‐san#2 Tes 2:11, agus an cùis‐eagail bheir mi orra; a chionn gun do ghlaodh mi, agus nach tug aon neach freagradh#Isa 65:12; Ier 7:13, 14; labhair mi, agus cha d’èisd iad; ach rinn iad olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich iad.
5Cluinnibh‐se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal#Isa 66:2; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme‐sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh.
6Guth àrd‐ghlaoidh on chathair: guth on teampall; guth an Tighearna, a’ toirt ath‐dhìolaidh da naimhdean.
7Mun robh i ann an saothair chloinne, dh’aiseadadh i; mun tàinig a h‑ioghannan, rug i leanabh‐mic.
8Cò a chuala a leithid seo? Cò a chunnaic an leithidean seo de nithean? An tabhair an talamh a‑mach a thoradh ann an aon là? Am bi cinneach air a bhreith a dh’aon bheum? Oir cha bu luaithe bha Sion ann an saothair na rug i a clann#Gnìo 2:41, 47.
9An toir mi gus a’ bhreith, agus nach toir mi fa‑near gum beirear? deir an Tighearna; an gin mi, agus am bac mi a’ bhreith? deir do Dhia.
10Dèanaibh gàirdeachas le Ierusalem#Salm 26:8; 84:1‐4; 122:6, agus bithibh subhach air a son, sibhse uile len ionmhainn i; bithibh ro‑aoibhneach leatha, sibhse uile a tha ri bròn air a son;
11A‑chum gun deoghail sibh#1 Pead 2:2, agus gum bi sibh sàsaichte le cìochan a sòlais; a‑chum gun tarraing sibh, agus gum faigh sibh toil‐inntinn ann am pailteas a glòire.
12Oir mar seo deir an Tighearna; Feuch, sgaoilidh mi sìth thairis oirre mar abhainn, agus glòir nan cinneach mar shruth a’ taomadh a‑nuas; an sin deoghlaidh sibh, giùlainear sibh air an leis#Isa 60:4, 16, agus luaisgear sibh air na glùinean.
13Mar neach don toir a mhàthair comhfhurtachd, mar sin bheir mise comhfhurtachd dhuibhse; agus ann an Ierusalem gheibh sibh sòlas.
14Nuair a chì sibh seo nì ur cridhe gàirdeachas#Eòin 16:22; agus bidh ur cnàmhan ùrar mar am feur#Gnà 3:8; Esec 37:1‐14; agus foillsichear làmh an Tighearna da òglaich; ach lasaidh a fhearg an aghaidh a naimhdean.
15Oir feuch#2 Tes 1:8, thig an Tighearna le teine, agus a charbad mar chuairt‐ghaoith; a dhòrtadh a‑mach a chorraich mar ainteas, agus a achmhasain le lasraichean teine.
16Oir le teine agus le a chlaidheamh tagraidh an Tighearna ris gach uile fheòil; agus bidh mòran air am marbhadh leis an Tighearna.
17Iadsan a tha gan naomhachadh fhèin#Isa 65:3, 4 agus gan glanadh fhèin anns na liosan, air cùl aon chraoibh anns a’ mheadhon; ag ithe feòil mhuc, agus na gràinealachd, agus nan luch; gearrar as iad le chèile, deir an Tighearna.
18Oir is aithne dhòmhsa an gnìomharan, agus an innleachdan; thig mi a chruinneachadh nan uile chinneach agus theangannan ri chèile; agus thig iad, agus chì iad mo ghlòir.
19Agus cuiridh mi comharradh nam measg#Isa 18:3, 7; Lùc 2:34; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir#Mal 1:11; Mat 28:19; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.
20Agus bheir iad ur bràithrean uile, as gach cinneach, mar thabhartas don Tighearna#Ròm 15:16; air eich agus air carbadan agus air uirighean, air muileidean, agus air ainmhidhean luath‐chasach; gum shliabh naomh‐sa Ierusalem, deir an Tighearna; amhail a bheir clann Israeil tabhartas ann an soitheach glan gu taigh an Tighearna.
21Agus dhiubhsan mar an ceudna gabhaidh mi, airson shagart#Tais 1:6, agus airson Lèbhitheach, deir an Tighearna.
22Oir amhail a mhaireas na nèamhan nuadha#Isa 65:17, agus an talamh nuadh, a tha mi a’ cruthachadh, ann am fhianais, deir an Tighearna, mar sin mairidh ur sliochd‐se, agus ur n‑ainm.
23Agus tàrlaidh, o ghealaich ùir gu gealaich ùir#Sech 14:16, agus o shàbaid gu sàbaid, gun tig gach uile fheòil a dhèanamh adhraidh ann am làthair‐sa#Salm 65:2, deir an Tighearna.
24Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh#Marc 9:44, 48, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil#Daniel 12:2.
Currently Selected:
Isaiah 66: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017