1
Isaiah 65:24
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Agus tàrlaidh, mun gairm iad, freagraidh mi; agus am feadh a bhios iad fòs a’ labhairt, èisdidh mi.
Compare
Explore Isaiah 65:24
2
Isaiah 65:17
Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.
Explore Isaiah 65:17
3
Isaiah 65:23
Cha saothraich iad gu dìomhain, cha mhò a ghineas iad sliochd a‑chum dragha; oir is iad sìol dhaoine beannaichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu.
Explore Isaiah 65:23
4
Isaiah 65:22
Cha dèan iadsan togail, agus neach eile àiteachadh; cha dèan iadsan suidheachadh, agus neach eile ithe; oir mar làithean craoibhe bidh làithean mo shluaigh‐sa; agus mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin.
Explore Isaiah 65:22
5
Isaiah 65:20
Oir cha bhi as a sin suas naoidhean geàrr‐shaoghalach, no seann duine nach do choilean a làithean; oir bàsaichidh an naoidhean nuair a ruigeas e ceud bliadhna a dh’aois; ach bidh am peacach a ruigeas ceud bliadhna a dh’aois mallaichte.
Explore Isaiah 65:20
6
Isaiah 65:25
Nì am madadh‐allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh‐sa uile, deir an Tighearna.
Explore Isaiah 65:25
7
Isaiah 65:19
Agus bidh mi aoibhneach ann an Ierusalem, agus nì mi gàirdeachas ann am shluagh; agus cha chluinnear guth caoidh no guth caoinidh innte nas mò.
Explore Isaiah 65:19