Isaiah 64
64
1 Dh’iarr an eaglais foillseachadh cumhachd Dhè; 4 dh’aidich i gu robh a thròcairean lìonmhor; 9 agus ghuidh i nach cuimhnicheadh e a h‑aingidheachd na h‑aghaidh gu bràth.
1O gun reubadh tu o chèile na nèamhan#Salm 144:5, gun tigeadh tu a‑nuas, gun sruthadh na slèibhtean sìos ann ad làthair#Bri 5:5; Mic 1:4;
2Mar a loisgeas an teine‐leaghaidh, mar a chuireas an teine goil air uisge; a‑chum d’ainm a dhèanamh aithnichte dod naimhdean, gun criothnaicheadh na cinnich ann ad fhianais!
3Nuair a rinn thu nithean iongantach#64:3 no, uamhasach. ris nach robh sùil againn#Salm 65:5, thàinig thu a‑nuas; ann ad làthair shruth na slèibhtean sìos#Hab 3:3, 6.
4Oir riamh cha chuala daoine#1 Cor 2:9, cha d’fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air.
5Tha thu a’ teachd an còdhail#Gnìo 10:35 an tì a tha a’ gabhail tlachd ann an ceartas a dhèanamh; a’ mhuinntir a tha cuimhneach ortsa ann ad shlighean: feuch, tha corraich ort, oir pheacaich sinne; eadhon riùsan o shean#64:5 no, annta sin tha sìor‐mhaireannachd; sin ri radh, ann an slighean an Tighearna, Mal 3:6., ach#64:5 no, agus bithidh. tha sinn air ar tèarnadh;
6Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich#Philip 3:9; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.
7Agus chan eil aon neach ann a tha a’ gairm air d’ainm#Hos 7:7, a tha ga dhùsgadh fhèin suas a dhèanamh greim ort; oir dh’fhalaich thu do ghnùis uainn#Hos 5:15, agus chlaoidh thu sinn airson ar n‑euceartan.
8Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh#Ier 18:6, agus is tusa ar fear‐deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.
9Na biodh corraich ro‑gheur ort, a Thighearna, agus na cuimhnich aingidheachd gu bràth#Salm 79:8, etc.; feuch, amhairc, guidheamaid ort, is sinne uile do shluagh.
10Dh’fhàs do bhailtean naomha nam fàsach; tha Sion na fàsach; tha Ierusalem faondrach.
11Tha ar taigh naomh agus àlainn#Tuir 2:7, anns an tug ar n‑athraichean moladh dhut, air a losgadh le teine; agus tha ar n‑uile nithean tlachdmhor air an lèirsgrios.
12An cùm thu ort fhèin airson nan nithean sin#Isa 42:14, a Thighearna? Am bi thu ad thosd, agus an cràidh thu sinn gu goirt?
Currently Selected:
Isaiah 64: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017