Isaiah 62
62
1 Eud an fhàidh airson soirbheachaidh na h‑eaglais. 6 Dreuchd an luchd‐faire. 8 Dhaingnich Dia a gheallaidhean le bhith a mionnachadh air fhèin. 10 An t‑ullachadh airson an t‑soisgeil.
1Air sgàth Shioin cha bhi mi am thosd, agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois#Isa 62:6, 7; Salm 122:6‐9; gus am bris a fìreantachd a‑mach mar sholas dealrach#Gnà 4:18, agus a slàinte mar leus lasrach.
2Agus chì na cinnich d’fhìreantachd, agus na h‑uile rìghrean do ghlòir; agus bheirear ainm nuadh ort#Tais 2:17, a ghairmeas beul an Tighearna.
3Agus bidh tu ad chrùn glòire#Sech 9:16 ann an làimh an Tighearna, agus ad choron rìoghail ann an glaic do Dhè.
4Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl#Hos 1:10; Eabh 13:5; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin#62:4 Hephsibah.; agus rid fhearann, Bean‐phòsda#62:4 Beulah.; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh.
5Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear‐togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh‐pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa#Ier 32:41.
6Chuir mi luchd‐faire air do bhallachan#Ier 6:17; Esec 3:17‐21, O Ierusaleim; rè an là, agus rè na h‑oidhche, cha bhi iad nan tosd; sibhse a tha a’ dèanamh luaidh air ainm an Tighearna, na bithibh‐se nur tosd;
7Agus na tugaibh fois dha, gus an daingnich e agus gus an dèan e Ierusalem na cliù air an talamh#Seph 3:19, 20.
8Mhionnaich an Tighearna air a làimh dheis, agus air a ghàirdean cumhachdach, Cha tabhair mi nas mò d’arbhar mar lòn dod naimhdean; cha mhò a dh’òlas clann a’ choigrich d’fhìon nuadh, airson an do shaothraich thu:
9Ach ithidh iadsan e a thionaileas e, agus molaidh iad an Tighearna; agus iadsan a chruinnicheas e òlaidh iad e ann am chùirtean naomha‑sa.
10Siùbhlaibh, siùbhlaibh tro na geatachan; ullaichibh slighe an t‑sluaigh#Isa 57:14; tilgibh suas, tilgibh suas an rathad mòr; glanaibh as na clachan; togaibh suas bratach airson nan slògh#Isa 18:3; Ecs 17:15.
11Feuch, ghlaodh an Tighearna gu iomall an domhain; abraibh ri nighinn Shioin, Feuch, tha do Shlànaighear a’ teachd#Sech 9:9; Eòin 12:14, 15; feuch, tha a luigheachd maille ris#Tais 22:12, agus duais a obrach na làthair.
12Agus theirear riu, An sluagh naomh, muinntir shaorte an Tighearna; agus riutsa theirear, Miannaichte, cathair nach trèigear.
Currently Selected:
Isaiah 62: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017