Isaiah 61
61
1 Dreuchd Chrìosd. 4 Ath‐nuadhaichidh Dia an eaglais, agus bheir e da luchd‐frithealaidh èideadh‐molaidh an àite spioraid airsneil.
1Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm#Eòin 1:32; 3:34, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi#Salm 45:7; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste#Salm 147:3, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean#Eòin 8:31‐36, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte#Ròm 7:23‐25;
2A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna#Lebh 25:9, etc.; 2 Cor 6:2, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne#2 Tes 1:9; Mal 4:1, 3; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn#Mat 5:4;
3A dh’òrdachadh do luchd‐caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin#Eòin 16:20, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna#Isa 60:21 air sgàth a ghlòire.
4Agus togaidh iad suas na seann làraichean#Isa 58:12, càraichidh iad ri chèile na h‑ionadan sgaoilte o chian; ath‐nuadhaichidh iad na cathraichean briste, ionadan fàsaichte nan iomadh linn.
5Agus seasaidh coigrich suas, agus beathaichidh iad ur treudan; agus bidh mic a’ choigrich nan treabhaichean dhuibh, agus nan luchd‐saothrachaidh na fìonain.
6Ach goirear dhibhse Sagartan an Tighearna#Ecs 19:6; 1 Pead 2:5, 9; Tais 1:6; Luchd‐frithealaidh ar Dè‑ne theirear ribh#Esec 44:11; Eph 4:11, 12; saoibhreas nan cinneach ithidh sibh, agus nan glòir nì sibh uaill.
7An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte#Isa 40:2; Sech 9:12; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh.
8Oir is mise an Tighearna, leis an ionmhainn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais‐loisgte; agus cuiridh mi air a h‑aghaidh an obair ann am fìrinn; agus coicheangal sìorraidh nì mi riu#Isa 55:3; Salm 50:5.
9Agus aithnichear an sliochd am measg nan cinneach, agus an gineal am measg nan sluagh; na h‑uile a chì iad, aidichidh iad gur sliochd iad a bheannaich an Tighearna#Isa 65:23.
10Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna#Neh 8:10; Hab 3:17, 18; Ròm 14:17; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd#Ròm 3:22; Philip 3:9; Tais 19:8; mar a sgeadaicheas fear‐bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean‐bainnse i fhèin le a seudan#Tais 21:2.
11Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd#Salm 72:3; 85:11 agus moladh#Isa 62:7 fàs suas an làthair nan uile chinneach.
Currently Selected:
Isaiah 61: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017