YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 63

63
1 Nochd Crìosd a chumhachd gu tèarnadh, agus a dhìoghaltas air a naimhdean. 7 Dh’aithris am fàidh tròcairean Dhè, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil. 15 Ghuidh e gun sealladh Dia air a shluagh a rèir lìonmhoireachd a thròcairean.
1Cò seo a tha a’ teachd o Edom#Isa 34:5, 6, le culaidh dhathte o Bhosrah? E seo a tha sgiamhach na èideadh, a’ siubhal ann am mòrachd a neirt? Mise, a tha a’ labhairt ann am fìreantachd, cumhachdach gu tèarnadh.
2Carson a tha d’èideadh dearg#Tais 19:13, 15, agus do chulaidh mar neach a’ saltairt an amair‐fhìona?
3Shaltair mi an t‑amar am aonar#Tuir 1:15; Tais 14:19, 20, agus de na slòigh cha robh aon neach maille rium; oir shaltair mi orra ann am fheirg, agus phronn mi iad ann am chorraich; agus chrathadh am fuil air mo chulaidh, agus tharraing mi sal air m’èideadh uile.
4Oir bha là an dìoghaltais ann am chridhe#Seph 3:8, agus bha bliadhna mo mhuinntir shaorte air teachd.
5Agus dh’amhairc mi, agus cha robh fear‐cuideachaidh ann#Isa 59:16‐18; Eòin 16:32; agus b’ioghnadh leam nach robh fear‐taice ann; uime sin dh’obraich mo ghàirdean fhèin slàinte dhomh, agus chùm mo chorraich fhèin taice rium.
6Agus shaltair mi sìos na slòigh ann am fheirg, agus chuir mi air mhisg iad ann am chorraich#Ier 25:26, 27, agus thug mi sìos an neart a‑chum an làir.
7Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi#Hos 2:19, agus cliù an Tighearna#Salm 63:3; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.
8Oir thubhairt e, Gu deimhinn is iad mo shluagh, clann nach dèan breug; agus bha e na Shlànaighear dhaibh.
9Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar#Ecs 3:7‐9; Sech 2:8; Mat 25:40, 45; Gnìo 9:4; agus rinn aingeal a làthaireachd#Ecs 14:19; 23:20, 21 an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad#Deut 32:11, 12, rè nan uile làithean o shean.
10Ach rinn iadsan ceannairc, agus chuir iad doilgheas air a Spiorad naomh#Gnìo 7:51; Eph 4:30; air chor is gun d’fhàs e na nàmhaid dhaibh#Tuir 2:5, agus chog e fhèin nan aghaidh.
11An sin chuimhnich e na làithean o shean#Lebh 26:42, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth#Àir 11:17, 25; Neh 9:20?
12A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe#Ecs 14:21, etc., a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?
13Gan stiùradh tron doimhne#Salm 106:9, mar each anns an fhàsach, ionnas nach tuislicheadh iad?
14Mar a thèid an sprèidh sìos don ghleann, thug Spiorad an Tighearna orra fois a ghabhail: mar sin threòraich thu do shluagh, a dhèanamh ainm glòrmhoir dhut fhèin#2 Sam 7:23.
15Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad‐còmhnaidh naomh agus glòrmhor#2 Each 30:27; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?
16Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear‐saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd.
17Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean#Salm 119:10; agus a chruadhaich thu ar cridhe#Isa 6:10; Ecs 4:21; Ròm 9:17, 18 od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach#Salm 90:13, treubhan d’oighreachd fhèin.
18Is beag an ùine a shealbhaich do shluagh naomh; shaltair ar naimhdean sìos do naomh‐ionad#Salm 74:6‐8.
19Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn‐san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.

Currently Selected:

Isaiah 63: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in