Isaiah 60
60
1 Thig na cinnich o chèin, agus tionndaidhear mòr‐shluagh an domhain a dh’ionnsaidh Chrìosd. 15 Nì Dia an eaglais na h‑adhbhar gàirdeachais feadh linn nan linn.
1Eirich, dealraich; oir thàinig do sholas#Eph 5:8; agus tha glòir an Tighearna air èirigh ort#Mal 4:2.
2Oir, feuch, còmhdaichidh dorchadas an talamh, agus dall‐cheò na cinnich; ach ortsa èiridh an Tighearna#2 Cor 4:6, chìthear a ghlòir a’ dealradh ort.
3Agus thig cinnich a dh’ionnsaigh do sholais#Isa 49:6, 23; Gen 49:10; Tais 21:24, agus rìghrean a dh’ionnsaigh do ghrian‐èirigh.
4Tog suas do shùilean mun cuairt, agus faic; tha iad uile air an cruinneachadh ri chèile; tha iad a’ teachd ad ionnsaigh; thig do mhic o chèin, agus bidh do nigheanan air an giùlan air an leis.
5An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr‐shluagh#60:5 pailteas. na fairge thugad#Ròm 11:25, agus gun tig feachd#60:5 saoibhreas. nan cinneach ad ionnsaigh.
6Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain#Gen 25:4, 13 agus Ephah; thig iad uile o Shèba#Salm 72:10; òr agus tùis giùlainidh iad#Mat 2:11, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill.
7Cruinnichear ad ionnsaigh uile threudan Chedair#Isa 42:11; Gen 25:13; nì reitheachan Nebaioit frithealadh dhut; thèid iad suas, agus gabhar iad gu taitneach air m’altair#Isa 56:7; agus taigh mo ghlòire fhathast glòraichidh mi#Hag 2:7, 9.
8Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid‐tàimh?
9Gu deimhinn feithidh na h‑eileanan rium, agus longan Tharsis air thoiseach; a thoirt do mhac o chèin, len airgead agus an òr maille riu#Isa 42:4; a‑chum ainm an Tighearna do Dhia, agus a‑chum Tì naomh Israeil, oir ghlòraich esan thu.
10Agus togaidh mic a’ choigrich suas do bhallachan#Sech 6:15, agus frithealaidh an rìghrean dhut; oir ann am chorraich bhuail mi thu#Isa 57:17, ach ann am dheagh‐ghean nì mi iochd ort.
11Agus bidh do gheatachan fosgailte an còmhnaidh#Tais 21:25; a là agus a dh’oidhche cha druidear iad; a‑chum gun toirear ad ionnsaigh mòr‐shluagh nan cinneach, agus an rìghrean le greadhnachas.
12Oir an cinneach agus an rìoghachd nach dèan seirbhis dhut, bidh iad caillte#Sech 14:17‐19; seadh, sgriosar na cinnich sin gu tur.
13Thig glòir Lebanoin ad ionnsaigh#Hos 14:6, 7, an giuthas, an gall‐ghiuthas, agus an crann‐bocsa le chèile; a chur maise air mo naomh‐ionad‐sa#Salm 96:6, agus a‑chum gun glòraichinn àite mo chas#Salm 132:7; 1 Each 28:2.
14Agus thig mic do luchd‐sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas#Tais 3:9; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil#Eabh 12:22.
15An àite thu a bhith air do thrèigsinn#Salm 78:60, 61, agus air d’fhuathachadh#Tuir 1:4, air chor is nach do shiubhail aon neach tromhad, nì mi thu ad òirdhearcas sìorraidh#Tais 3:12, ad adhbhar‐gàirdeachais feadh linn nan linn.
16Agus deoghlaidh tu bainne chinneach#Isa 66:11, 12, agus cìoch rìghrean deoghlaidh tu; agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna do Shlànaighear#Isa 43:3; agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
17Agus an àite umha, bheir mi òr; agus an àite iarainn, bheir mi airgead; agus an àite fiodha, umha; agus an àite chlach, iarann; agus nì mi do mhaoir nan sìth, agus do chìs‐mhaoir nan ceartas#2 Pead 3:13.
18Cha chluinnear nas mò fòirneart ann ad fhearann, sgrios agus milleadh ann ad chrìochan; ach their thu Slàinte mar ainm rid bhallachan#Isa 26:1, agus Moladh rid gheatachan.
19Cha bhi a’ ghrian agad nas fhaide mar sholas anns an là#Tais 21:23; 22:5; cha mhò a bhios dealradh na gealaich gad shoillseachadh; ach bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus do Dhia na ghlòir agad#Sech 2:5.
20Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin#Tais 21:4.
21Agus bidh do shluagh uile nam fìreanan#Isa 4:3; Tais 21:27; sealbhaichidh iad am fearann gu sìorraidh; am meangan a shuidhich mi#Eòin 15:2; Salm 80:15, obair mo làmh, a‑chum gum bi mi air mo ghlòrachadh.
22Fàsaidh an aon bheag na mìle#Isa 66:8; Mat 13:31, 32, agus an aon shuarach na cinneach làidir; luathaichidh mise Iehòbhah e na thràth.
Currently Selected:
Isaiah 60: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017