Isaiah 59
59
1 Chuir euceartan chloinn Israeil dealachadh eadar iad fhèin agus an Dia. 16 Tha slàinte tron Tighearna a‑mhàin. 20 Coicheangal an fhir‐shaoraidh.
1Feuch, chan eil làmh an Tighearna air dol an giorrad, air chor is nach faod i tèarnadh; cha mhò a tha a chluas air fàs mall, air chor is nach faod i cluinntinn.
2Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis#Isa 57:17; Mic 3:4, ionnas nach èisd e.
3Oir tha ur làmhan air an truailleadh le fuil#Isa 1:15, agus ur meòir le euceart; labhair ur bilean cealg; bidh ur teanga a’ teachd air aimhleas.
4Chan eil neach a’ gairm air ceartas, chan eil neach a’ tagradh airson na fìrinn; tha iad a’ cur an dòigh ann an dìomhanas, agus a’ labhairt bhreug: air thorrachas le aimhleas, agus a’ breith euceirt.
5Tha iad a’ gur air uighean na rìgh‐nathrach, agus a’ fighe lìon an damhain‐allaidh; esan a dh’itheas den uighean, gheibh e bàs; agus nuair a bhruthar e, brisidh nathair nimhe a‑mach#Mat 3:7; 12:34.
6Den lìontan cha dèanar trusgan; cha mhò a chòmhdaicheas iad iad fhèin len obraichean; an obraichean is obraichean na h‑eucorach iad; agus tha gnìomh an fhòirneirt nan làmhan.
7Tha an cas a’ ruith a‑chum uilc#Ròm 3:15, etc., agus tha iad a’ greasadh a‑chum fuil neo‐chiontach a dhòrtadh; is innleachdan aingidheachd an innleachdan; tha lèirsgrios agus milleadh nan ceuman.
8Slighe na sìth chan aithne dhaibh, cha mhò a tha ceart‐bhreith nan ròidean; rinn iad dhaibh fhèin ceuman cama#Salm 125:5; Gnà 28:18; cò air bith a shiùbhlas annta, chan aithne dha sìth.
9Air an adhbhar sin tha breitheanas fada uainn#Tuir 5:16, 17, agus chan eil ceartas a’ breith oirnn; tha sinn ag amharc airson solais, ach feuch dorchadas; airson soilleireachd, ach tha sinn a’ gluasad ann an duibhre.
10Tha sinn a’ smeurachadh#Deut 28:29, mar na doill, ag iarraidh a’ bhalla; agus mar mhuinntir gun fhradharc tha sinn a’ smeurachadh; tha sinn a’ tuisleachadh mu mheadhon‐là, mar anns an dùbhradh; tha sinn ann an ionadan uaigneach mar dhaoine marbha.
11Tha sinn a’ bùirich mar mhath‐ghamhna; mar chalamain tha sinn ri sìor‐chaoirean#Esec 7:16; tha ar sùil ri breitheanas#Ier 8:15, ach chan eil e ann; ri fuasgladh, ach is ann a tha e fada uainn.
12Oir tha ar lochdan air fàs lìonmhor ann ad làthair#Daniel 9:5, etc., agus tha ar ciontan a’ toirt fianais nar n‑aghaidh; oir tha ar lochdan nar cuideachd, agus ar n‑aingidheachd is lèir dhuinn;
13Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna#Isa 48:8; Ier 2:19‐21, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe#Mat 12:34.
14Agus tha breitheanas air tilleadh air ais, agus tha ceartas a’ seasamh fad as; oir thuislich an fhìrinn air an t‑sràid, agus cha b’urrainn ionracas teachd a‑steach.
15Agus tha fìrinn air teicheadh air falbh; agus tha esan, a sheachnas an t‑olc, ga dhèanamh fhèin na chreich; agus chunnaic an Tighearna, agus mhì‐thaitinn e ris, nach robh breitheanas ann.
16Agus chunnaic e nach robh fear ann#Esec 22:30, agus b’ioghnadh leis nach robh eadar‐mheadhonair ann; an sin dh’obraich a ghàirdean fhèin slàinte air a shon#Salm 98:1; agus a fhìreantachd fhèin, chùm i suas e.
17Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd‐èideadh#Eph 6:14, 17; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing#Eòin 2:17.
18A rèir an gnìomharan, mar sin bheir e ath‐dhìoladh; corraich da naimhdean#Lùc 19:27, dìoghaltas da eascairdean; do na h‑eileanan ìocaidh e dìoghaltas.
19Mar sin bheir iadsan on iar urram do ainm an Tighearna; agus iadsan o èirigh na grèine da ghlòir; nuair a thig an nàmhaid mar thuil#Tais 12:15, 16, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh.
20Agus thig am Fear‐saoraidh gu Sion#Ròm 11:26, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob#59:20 no, agus don ionnsaigh‐san a thionndaidheas o mhì‐dhiadhachd ann an Iàcob., deir an Tighearna.
21Agus air mo shon‐sa, seo mo choicheangal riu#Eabh 8:8, etc., deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.
Currently Selected:
Isaiah 59: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017