1
Isaiah 60:1
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Eirich, dealraich; oir thàinig do sholas; agus tha glòir an Tighearna air èirigh ort.
Compare
Explore Isaiah 60:1
2
Isaiah 60:3
Agus thig cinnich a dh’ionnsaigh do sholais, agus rìghrean a dh’ionnsaigh do ghrian‐èirigh.
Explore Isaiah 60:3
3
Isaiah 60:2
Oir, feuch, còmhdaichidh dorchadas an talamh, agus dall‐cheò na cinnich; ach ortsa èiridh an Tighearna, chìthear a ghlòir a’ dealradh ort.
Explore Isaiah 60:2
4
Isaiah 60:22
Fàsaidh an aon bheag na mìle, agus an aon shuarach na cinneach làidir; luathaichidh mise Iehòbhah e na thràth.
Explore Isaiah 60:22
5
Isaiah 60:19
Cha bhi a’ ghrian agad nas fhaide mar sholas anns an là; cha mhò a bhios dealradh na gealaich gad shoillseachadh; ach bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus do Dhia na ghlòir agad.
Explore Isaiah 60:19
6
Isaiah 60:20
Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin.
Explore Isaiah 60:20
7
Isaiah 60:5
An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr‐shluagh na fairge thugad, agus gun tig feachd nan cinneach ad ionnsaigh.
Explore Isaiah 60:5
8
Isaiah 60:4
Tog suas do shùilean mun cuairt, agus faic; tha iad uile air an cruinneachadh ri chèile; tha iad a’ teachd ad ionnsaigh; thig do mhic o chèin, agus bidh do nigheanan air an giùlan air an leis.
Explore Isaiah 60:4
9
Isaiah 60:21
Agus bidh do shluagh uile nam fìreanan; sealbhaichidh iad am fearann gu sìorraidh; am meangan a shuidhich mi, obair mo làmh, a‑chum gum bi mi air mo ghlòrachadh.
Explore Isaiah 60:21
10
Isaiah 60:18
Cha chluinnear nas mò fòirneart ann ad fhearann, sgrios agus milleadh ann ad chrìochan; ach their thu Slàinte mar ainm rid bhallachan, agus Moladh rid gheatachan.
Explore Isaiah 60:18
11
Isaiah 60:11
Agus bidh do gheatachan fosgailte an còmhnaidh; a là agus a dh’oidhche cha druidear iad; a‑chum gun toirear ad ionnsaigh mòr‐shluagh nan cinneach, agus an rìghrean le greadhnachas.
Explore Isaiah 60:11
12
Isaiah 60:6
Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain agus Ephah; thig iad uile o Shèba; òr agus tùis giùlainidh iad, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill.
Explore Isaiah 60:6
13
Isaiah 60:10
Agus togaidh mic a’ choigrich suas do bhallachan, agus frithealaidh an rìghrean dhut; oir ann am chorraich bhuail mi thu, ach ann am dheagh‐ghean nì mi iochd ort.
Explore Isaiah 60:10
14
Isaiah 60:15
An àite thu a bhith air do thrèigsinn, agus air d’fhuathachadh, air chor is nach do shiubhail aon neach tromhad, nì mi thu ad òirdhearcas sìorraidh, ad adhbhar‐gàirdeachais feadh linn nan linn.
Explore Isaiah 60:15
15
Isaiah 60:16
Agus deoghlaidh tu bainne chinneach, agus cìoch rìghrean deoghlaidh tu; agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna do Shlànaighear; agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
Explore Isaiah 60:16