Isaiah 6
6
1 Taisbeanadh Isaiah mu thimcheall an Tighearna na ghlòir. 5 Bha am fàidh fo eagal, 6 agus thug aingeal misneach dha. 8 Chuireadh e dh’ionnsaidh an t‑sluaigh a nochdadh dhaibh gu robh iad reasgach agus do‑lùbaidh.
1Anns a’ bhliadhna#2 Rìgh 15:7 anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail#1 Rìgh 22:19; Esec 1:26; Eòin 12:41, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.
2Os a chionn sheas seraphim#Daniel 7:10; Tais 7:11: aig gach aon bha sia sgiathan; le dithis chòmhdaich e a aghaidh#Esec 1:11, agus le dithis chòmhdaich e a chasan, agus le dithis rinn e itealaich.
3Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh#Tais 4:8; tha an talamh uile làn de a ghlòir.
4Agus ghluais ursainnean an dorais le guth an tì a ghlaodh, agus lìonadh an taigh le deataich#Ecs 40:34; 1 Rìgh 8:10‐12.
5Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan#Ecs 6:30; Ier 1:6, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh#Ecs 33:20; Bri 13:22.
6An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach#Daniel 9:21‐23;
7Agus bhean e rim bheul, agus thubhairt e, Feuch, bhean seo rid bhilean#Ier 1:9; agus tha d’aingidheachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh.
8Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios#1 Rìgh 22:20? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.
9Agus thubhairt e, Rach, agus abair ris an t‑sluagh seo, Cluinnibh da‑rìribh ach na tuigibh#Mat 13:14, 15; Gnìo 28:26, 27; agus seallaibh da‑rìribh, ach na tugaibh fa‑near.
10Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar#Salm 119:70, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.
11An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;
12Agus gum fògair an Tighearna daoine am fad as#2 Rìgh 25:21; agus gum bi fàsalachd mhòr ann am meadhon na tìre.
13Ach fhathast bidh deicheamh innte#Isa 1:9; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta#6:13 an stoc a’ mairsinn., ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.
Currently Selected:
Isaiah 6: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017