1
Isaiah 6:8
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.
Compare
Explore Isaiah 6:8
2
Isaiah 6:3
Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.
Explore Isaiah 6:3
3
Isaiah 6:5
Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.
Explore Isaiah 6:5
4
Isaiah 6:1
Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.
Explore Isaiah 6:1
5
Isaiah 6:7
Agus bhean e rim bheul, agus thubhairt e, Feuch, bhean seo rid bhilean; agus tha d’aingidheachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh.
Explore Isaiah 6:7
6
Isaiah 6:2
Os a chionn sheas seraphim: aig gach aon bha sia sgiathan; le dithis chòmhdaich e a aghaidh, agus le dithis chòmhdaich e a chasan, agus le dithis rinn e itealaich.
Explore Isaiah 6:2
7
Isaiah 6:6
An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach
Explore Isaiah 6:6
8
Isaiah 6:9
Agus thubhairt e, Rach, agus abair ris an t‑sluagh seo, Cluinnibh da‑rìribh ach na tuigibh; agus seallaibh da‑rìribh, ach na tugaibh fa‑near.
Explore Isaiah 6:9
9
Isaiah 6:10
Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.
Explore Isaiah 6:10