Isaiah 5
5
1 Le cosamhlachd lios‐fìona nochd Dia ceartas a bhreitheanais. 8 Nì an Tighearna peanas air luchd‐sannt, 11 air geòcairean, 18 air luchd‐dèanamh an uilc, 20 agus orra‑san a ghnàthaicheas euceart. 26 Coileanadh bhreitheanas Dhè.
1Seinnidh mi a‑nis do fhear mo ghràidh, òran le fear mò ghràidh mu thimcheall a lios‐fìona. Bha aig mo ghràdh‐sa fìonlios#Lùc 20:9, etc. air cnoc àrd tairbheach.
2Agus chuir e callaid ma thimcheall agus ghlan e na clachan as, agus shuidhich e rogha fìonain ann#Ier 2:21, agus thog e tùr na mheadhon, agus cuideachd chladhaich e amar‐fìona agus dh’amhairc e a dh’fheuchainn an tugadh e a‑mach dearcan fìona, agus thug e a‑mach dearcan fiadhain.
3Agus a‑nis, O luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus fheara Iùdah, thugaibh breith#Mic 6:2, guidheam oirbh, eadar mise agus m’fhìonlios.
4Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain?
5Agus a‑nis thigibh, nochdaidh mise dhuibh ciod a nì mi rim fhìonlios; bheir mi air falbh a challaid#Salm 80:12‐16; Tuir 1:2‐9, agus ithear suas e; brisidh mi a bhalla, agus bidh e air a shaltairt sìos.
6Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air#Deut 28:23, 24; Amos 4:7.
7Oir is e fìonlios Tighearna nan sluagh taigh Israeil#Salm 80:8, 11‐15, agus daoine Iùdah luibh a mhòr thlachd; agus bha sùil aige ri breitheanas, agus feuch aintighearnas; ri ceartas, agus feuch gaoir ghoirt.
8Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh#Mic 2:2, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre!
9Ann am chluasan thubhairt Tighearna nan sluagh, Gu deimhinn bidh iomadh taigh fàs, taighean mòra agus maiseach, gun neach a’ gabhail còmhnaidh annta.
10Bheir deich acraichean de fhìonlios#Hag 1:9‐11 aon bhat fìona, agus bheir homer de shìol uaithe ephah.
11Is an‑aoibhinn dhaibhsan a dh’èireas gu moch anns a’ mhadainn, a dhol an dèidh dibhe làidir; a bhuanaicheas gu feasgar, ionnas gun cuir am fìon teas orra!
12Agus tha a’ chlàrsach#Amos 6:5, 6, agus a’ chruit‐chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim#Salm 28:5, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near.
13Uime sin tha mo shluagh air dol ann am braighdeanas, a chionn gu bheil iad gun eòlas#Hos 4:6; Lùc 19:44; agus tha an uaislean air bàsachadh le gort, agus an ìslean air tiormachadh le tart.
14Air an adhbhar sin mheudaich an uaigh a cìocras, agus dh’fhosgail i a beul thar tomhas; agus thèid an glòir, agus am mòr‐shluagh, agus an greadhnachas, agus esan a tha ri aighear, sìos da h‑ionnsaigh.
15Agus leagar sìos an duine suarach, agus ìslichear an duine cumhachdach, agus ìslichear sùilean nan uaibhreach.
16Ach bidh Tighearna nan sluagh air àrdachadh ann am breitheanas; agus bidh an Dia naomh air a naomhachadh ann an ceartas.
17An sin ionaltraidh na h‑uain mar as àbhaist dhaibh; agus ithidh coigrich machraichean fàsail na muinntir reamhair.
18Is an‑aoibhinn dhaibhsan a tha a’ tarraing aingidheachd le cùird dìomhanais, agus peacaidh mar le taodan feuna:
19A their, Dèanadh e deifir#2 Pead 3:3, 4, luathaicheadh e a obair, a‑chum gum faic sinn; agus dlùthaicheadh comhairle Tì naomh Israeil, agus thigeadh i gu crìch, a‑chum gum bi fhios againn.
20Is truagh dhaibhsan a their math ri olc, agus olc ri math; a tha a’ cur dorchadais an àite solais, agus solais an àite dorchadais; a tha a’ cur an t‑seirbh an àit a’ mhilis, agus a’ mhilis an àit an t‑seirbh.
21Is truagh dhaibhsan a tha glic nam barail fhèin#Gnà 26:12, agus nam beachd fhèin tuigseach.
22Is truagh dhaibhsan a tha làidir a dh’òl fìona#Gnà 23:29‐35, agus nan daoine neartmhor a mheasgadh dibhe làidir:
23A tha a’ saoradh a’ chiontaich airson duaise; agus a’ toirt ionracais an fhìrein air falbh uaithe.
24Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh‐san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.
25Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh#2 Rìgh 22:13, 17; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean#Hab 3:6, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh#Lebh 26:14, etc.; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
26Agus togaidh e suas bratach#Hab 1:6‐10 do na cinnich am fad as, agus nì e fead air an son o iomall na talmhainn; agus, feuch, le deifir thig iad gu luath.
27Cha bhi aon neach fann#Ioel 2:3‐11, agus cha bhi aon neach tuisleach nam measg; cha tig clò, cha tig cadal air aon dhiubh; chan fhuasglar crios an leasraidh, agus cha bhrisear barr‐iall am bròg.
28Aig a bheil an saighdean geuraichte, agus am boghachan uile air ghleus; bidh iongannan an each air am meas mar ailbhinn, agus an rothan mar chuairt‐ghaoith.
29Bidh am beucaich mar leòmhann boireann; beucaidh iad mar leòmhainn òga; agus nì iad nuallan, agus glacaidh iad a’ chreach, agus togaidh iad leo i, agus cha bhi neach ann a theasairgeas.
30Agus anns an là sin beucaidh iad nan aghaidh, mar bheucaich na fairge; agus seallaidh iad air an talamh, agus, feuch, dorchadas agus teanntachd; agus bidh an solas air a dhorchachadh anns na speuran.
Currently Selected:
Isaiah 5: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017