Isaiah 7
7
1 Thug Isaiah misneach do Ahas nuair a bha e fo amharas airson Resin agus Phecah. 14 Fàistneachd a thaobh Chrìosd. 17 Bhagradh Iùdah le breitheanas uamhasach.
1Ann an làithean Ahais mhic Iotaim#2 Rìgh 16:5, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre.
2Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.
3Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub#7:3 tillidh fuigheal. do mhac, aig ceann sruth‐chlais na linne uachdaraich#2 Rìgh 18:17, air slighe achadh an luadhadair.
4Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag‐chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah.
5Airson gun do dhealbh Siria, Ephraim, agus mac Remaliah, olc ad aghaidh, ag ràdh,
6Rachamaid suas an aghaidh Iùdah, agus teannaicheamaid e, agus briseamaid a‑steach, agus cuireamaid rìgh suas gu rìoghachadh na mheadhon, eadhon mac Thabeail:
7Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Cha seas e#Isa 8:10; Gnà 21:30, cha mhò a thig e gu crìch.
8Ged as e ceann Shiria Damascas, agus ceann Dhamascais Resin; gidheadh an taobh a‑staigh de chòig agus trì‐fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhriseadh, ionnas nach bi e na chinneach:
9Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach#7:9 cha daingnichear sibh..
10Agus labhair an Tighearna fhathast ri Ahas, ag ràdh,
11Iarr dhut fhèin comharradh#Isa 38:7, 22 on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas.
12Ach thubhairt Ahas, Chan iarr mi, cha mhò a bhuaireas mi an Tighearna.
13Agus thubhairt esan, Eisdibh a‑nis, a thaigh Dhaibhidh; am beag leibh daoine a sgìtheachadh, ach an sgìthich sibh fòs mo Dhia?
14Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach#Lùc 1:31‐35, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel#Mat 1:23 mar ainm air.
15Im agus mil ithidh e, gus an tuig e an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh.
16Oir mun aithne don leanabh#Isa 8:4 an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh.
17Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.
18Agus tàrlaidh anns an là sin, gun gairm an Tighearna a’ chuileag a tha ann an iomall aibhnichean na h‑Eiphit, agus an seillean a tha ann an talamh Asiria:
19Agus thig iad#Ier 16:16, agus laighidh an t‑iomlan dhiubh anns na glinn fhàsail, agus ann an còsan nan creag, agus air gach uile dhroighnich agus air gach uile phreas.
20Anns an là sin lomaidh an Tighearna le ealtainn#2 Rìgh 16:7, 8; 2 Each 28:20, 21 thuarasdail, leis an t‑sluagh air taobh thall na h‑aibhne, le rìgh Asiria, an ceann agus fionnadh nan casan; agus bearraidh i eadhon an fheusag.
21Agus tàrlaidh anns an là sin gun àraich duine bò òg agus dà chaora:
22Agus o phailteas a’ bhainne a bheir iad uapa, ithidh e ìm; oir ìm agus mil ithidh gach neach a dh’fhàgar anns an tìr.
23Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich.
24Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad an sin; oir bidh an talamh uile na sgitheach agus na dhroighnich.
25Agus air na h‑uile chnocan a bhios air an ruamhradh leis a’ chaibe, cha tig eagal sgithich no droighnich; ach bidh e na àirigh dhamh, agus na ionaltradh meanbh‐chruidh.
Currently Selected:
Isaiah 7: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017