YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 56

56
1 Earail gu breitheanas a choimhead. 3 Tha Dia a’ gealltainn gun gabh e ris gach neach a ghluaiseas gu taitneach na làthair. 9 Tha trioblaidean na h‑eaglais ag èirigh o luchd‐faire dall agus aineolach.
1Mar seo deir an Tighearna, Coimheadaibh breitheanas, agus dèanaibh ceartas; oir tha mo shlàinte dlùth a‑chum teachd#Isa 46:13; Mat 4:17; Ròm 13:11, 12, agus m’fhìreantachd a‑chum a bhith air a foillseachadh.
2Is beannaichte an duine a nì seo#Lùc 12:43, agus mac an duine a nì greim air; a choimheadas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh#Isa 58:13, agus a choimheadas a làmh o aon olc a dhèanamh.
3Agus na labhradh mac a’ choigrich#Àir 18:4, 7; Gnìo 10:34, 35, a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna, ag ràdh, Sgar an Tighearna mise gu tur o a shluagh; agus na h‑abradh an caillteanach#Gnìo 8:27, etc., Feuch, tha mise am chrann tioram.
4Oir mar seo deir an Tighearna, Do na caillteanaich a choimheadas mo shàbaidean, agus a roghnaicheas an nì a thaitneas rium, agus a nì greim air mo choicheangal;
5Dhaibh sin bheir mi ann am thaigh#1 Tim 3:15, agus an taobh a‑staigh dem bhallachan, àite agus ainm nas fheàrr#Eòin 1:12 na ainm mhac agus nighean; ainm sìorraidh bheir mi dhaibh, nach gearrar as.
6Agus mic a’ choigrich a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna#Ier 50:5, gu frithealadh dha, agus gràdh a thoirt do ainm an Tighearna, agus gu bhith nan òglaich dha; gach aon a ghleidheas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a nì greim air mo choicheangal;
7Iad sin bheir mi a‑chum mo shlèibh naoimh; agus nì mi aoibhneach iad ann am thaigh‐ùrnaigh; bidh an tabhartasan‐loisgte agus an ìobairtean air an gabhail gu taitneach air m’altair#1 Pead 2:5; oir goirear rim thaigh‐sa, Taigh‐ùrnaigh airson nan uile shlògh#Mat 21:13.
8Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, a tha a’ cruinneachadh ri chèile dìobarraich Israeil#Salm 147:2: Fhathast cruinnichidh mi muinntir eile da ionnsaigh#Eòin 10:16, os bàrr orrasan a tha air an cruinneachadh.
9O! uile bheathaichean na machrach thigibh a‑chum ithe; O! uile bheathaichean na frìthe!
10Tha a luchd‐faire dall#Mat 15:14; 23:16, gach aon dhiubh; tha iad aineolach, gach aon dhiubh; is coin bhalbh iad nach urrainn tabhannaich; a’ tuiteam nan cadal, gan sìneadh fhèin sìos, leis an ionmhainn cadal.
11Seadh, is coin chìocrach iad#Esec 34:2, 3; Mic 3:11; Mal 1:10 nach urrainn a bhith toilichte; agus is buachaillean iad nach urrainn tuigsinn; tha iad a’ sealltainn, gach aon dhiubh, air a shlighe fhèin; gach fear air a bhuannachd o a chrìch fhèin.
12Thigibh, deir iad, gabhamaid fìon, agus òlamaid deoch làidir; agus mar an là‑an‑diugh bidh a‑màireach, agus nas ro‑phailte gu mòr.

Currently Selected:

Isaiah 56: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in