Isaiah 57
57
1 Gheibh na h‑ionracain agus na daoine tròcaireach bàs ann an sìth. 3 Chronaich Dia na h‑Iùdhaich airson an droch ghnìomhan. 13 Èiridh gu maith don neach a chuireas a dhòchas anns an Tighearna.
1Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh#Salm 12:1; Mic 7:2, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd#2 Rìgh 22:20.
2Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh#2 Each 16:14; Tais 14:13.
3Ach thigibh‐se am fagas an seo, a mhaca na ban‐fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.
4Cò da bheil sibh a’ dèanamh àbhachd? Ris a bheil sibh a’ dèanamh beòil fharsaing, agus a’ sìneadh a‑mach na teangaidh? Nach clann sibh a chlaon a lethtaobh, sìol na foill?
5A’ fadadh ur n‑ana‑miann le iodhalan fo gach crann uaine#2 Rìgh 17:10, etc.; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn#2 Rìgh 16:3, 4, fo sgoltan nan creag.
6Am measg mìn‐chlachan a’ ghlinne tha do chuibhreann: is iad sin, is iad sin do chrannchur; eadhon dhaibh seo dhòirt thu a‑mach tabhartas‐dibhe, dh’ìobair thu tìodhlac. An gabhainn‐sa tlachd annta sin?
7Air sliabh cruachach àrd shuidhich thu do leabaidh; eadhon don àite sin chaidh thu suas a thoirt seachad ìobairt.
8Air cùl an dorais agus na h‑ursainn chuir thu suas do chuimhneachan; dh’imich thu air falbh uamsa#57:8 fad air falbh uamsa rùisg thu thu fhèin., agus chaidh thu suas; leudaich thu do leabaidh, agus rinn thu coicheangal riu; thug thu gràdh don leabaidh‐san, ge bè àite anns am faca tu i.
9Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola‑ungaidh#Hos 12:1, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.
10Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu#Ier 2:36, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha#57:10 neart. do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu.
11Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian#Salm 50:21, agus chan eil eagal ort romham?
12Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut.
13Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa#Salm 37:3‐9, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh.
14An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap‐tuislidh#1 Cor 1:23 à rathad mo shluaigh.
15Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite‐còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham‐sa còmhnaidh#Sech 2:13; maille ris‐san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad#Isa 66:1, 2; Salm 34:18; 138:6; a bheothachadh spiorad nan iriosal#Mat 5:4, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
16Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor#Salm 103:9; Mic 7:18, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.
17Airson cionta a shannta bha corraich orm#Ier 6:13, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.
18Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e#Ier 30:3; 33:6; Hos 14:4; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd‐bròin.
19Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean#Hos 14:2; Eabh 13:15; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as#Eph 2:13, 17, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.
20Ach tha na h‑aingidh cosmhail ris a’ mhuir bhuairte, oir chan urrainn i a bhith aig fois#Gnà 4:16, 17, ach tha a h‑uisgeachan a’ dùsgadh a‑nìos salchair agus làthaich.
21Chan eil sìth, deir mo Dhia#2 Rìgh 9:22, do na h‑aingidh.
Currently Selected:
Isaiah 57: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017