Agus mic a’ choigrich a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna, gu frithealadh dha, agus gràdh a thoirt do ainm an Tighearna, agus gu bhith nan òglaich dha; gach aon a ghleidheas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a nì greim air mo choicheangal;
Iad sin bheir mi a‑chum mo shlèibh naoimh; agus nì mi aoibhneach iad ann am thaigh‐ùrnaigh; bidh an tabhartasan‐loisgte agus an ìobairtean air an gabhail gu taitneach air m’altair; oir goirear rim thaigh‐sa, Taigh‐ùrnaigh airson nan uile shlògh.