YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 55

55
1 Ghairm am fàidh air an t‑sluagh teachd a dh’ionnsaidh Chrìosd, agus an slighe aingidh agus an smuaintean eucorach a thrèigsinn. 8 Sonas an fhìrein.
1Ho! gach neach air a bheil tart#Eòin 4:10, 14; 7:37; Tais 21:6; 22:17, thigibh‐se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh#Mat 13:44‐46; Tais 3:18 agus ithibh#DànShol 5:1; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.
2Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa#Mat 22:4, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil‐inntinn ann an cuirm#55:2 no, ann an reamhrachd. shòghmhoir#Salm 63:5.
3Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh‐sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh#2 Sam 23:5; Ier 32:5, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
4Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich#Esec 34:23; Eòin 18:37; Tais 1:5, na cheann‐iùil agus na uachdaran do na slòigh#Mic 5:2.
5Feuch, gairmidh tu cinneach nach b’aithne dhut; agus cinnich do nach b’aithne thu#Isa 60:5; Sech 8:23, ruithidh iad ad ionnsaigh, air sgàth an Tighearna do Dhia, agus airson Tì naomh Israeil; oir ghlòraich e thu.
6Iarraibh an Tighearna, am feadh a tha e ra fhaotainn#Eòin 7:34; Lùc 19:42; gairmibh air, am feadh a tha e am fagas.
7Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean#Marc 7:21‐23, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia‑ne, oir bheir e maitheanas gu pailt#Salm 130:7.
8Oir chan iad mo smuaintean‐sa ur smuaintean‐se#2 Sam 7:19, cha mhò is iad ur slighean‐se mo shlighean‐sa, deir an Tighearna.
9Oir mar tha na nèamhan àrd#Salm 103:11 seach an talamh, mar sin tha mo shlighean‐sa àrd seach ur slighean‐se, agus mo smuaintean‐sa seach ur smuaintean‐se.
10Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas;
11Is amhail a bhios m’fhacal‐sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe#Mat 24:35; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.
12Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan.
13An àite droighne fàsaidh an giuthas#Ròm 6:19, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bidh e don Tighearna mar ainm#Ier 13:11, mar chomharradh bith‐bhuan, nach cuirear as àite.

Currently Selected:

Isaiah 55: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in