Isaiah 54
54
1 Fhuair na cinnich gealladh gum bitheadh iad air an gabhail a steach do rìoghachd Chrìosd. 4 Tèarnar iad anns gach teanntachd. 11 Bheir Dia comhfhurtachd dhaibh, agus teagaisgidh e iad anns an t‑slighe cheirt.
1Seinn, a bhean aimrid#Seph 3:14; Gal 4:27 nach do rug clann; seinn gu luath‐ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna.
2Leudaich ionad do phàillein, agus sgaoileadh iad a‑mach bratan‐còmhdaich do bhùthan; na caomhain, leig am fad do chùird, agus daingnich do chuaillean:
3Oir air an làimh dheis agus chlì brisidh tu a‑mach; agus sealbhaichidh do shliochd na cinnich, agus àitichidh iad na cathraichean fàsail.
4Na gabh eagal, oir cha mhaslaichear thu; na gabh nàire, oir cha chuirear thu gu amhluadh; oir dìochuimhnichidh tu nàire d’òige, agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu nas mò.
5Oir is e d’fhear‐pòsda do Chruithear#Ier 3:14; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.
6Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna.
7Rè tiota bhig, dhealaich mi riut#2 Cor 4:17; ach le mòr iochd cruinnichidh mi thu#Esec 36:24.
8Ann an corraich bhig dh’fhalaich mi mo ghnùis car tiota uat; ach le coibhneas sìorraidh nì mi tròcair ort, deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh.
9Oir tha seo mar uisgeachan Nòah dhomh; mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeachan Nòah tuilleadh thar an talamh#Gen 8:21, is amhail a mhionnaich mi nach bithinn ann an corraich riut, agus nach toirinn achmhasan dhut.
10Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa#Salm 89:33, 34, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth#2 Sam 23:5; Mal 2:5, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
11O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach#Tais 21:18, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir.
12Agus nì mi d’uinneagan de chlachan rùbi, agus do gheatachan de charbuncalan, agus d’uile iomall de chlachan rìomhach.
13Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna#Eòin 6:45; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.
14Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut#Gnà 3:25, 26.
15Feuch, bidh cruinneachadh gu deimhinn ann, ach chan ann leamsa; cò sam bith a chruinnicheas ad aghaidh, tuitidh e air do sgàth.
16Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs#Isa 37:26, 27.
17Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu#Sech 3:1, 2; Ròm 8:1, 33; Tais 12:10. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna#Isa 45:24, 25; Ròm 3:21, 22.
Currently Selected:
Isaiah 54: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017