Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas;
Is amhail a bhios m’fhacal‐sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.