1
Isaiah 54:17
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.
Compare
Explore Isaiah 54:17
2
Isaiah 54:10
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Explore Isaiah 54:10
3
Isaiah 54:4
Na gabh eagal, oir cha mhaslaichear thu; na gabh nàire, oir cha chuirear thu gu amhluadh; oir dìochuimhnichidh tu nàire d’òige, agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu nas mò.
Explore Isaiah 54:4
4
Isaiah 54:5
Oir is e d’fhear‐pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.
Explore Isaiah 54:5
5
Isaiah 54:2
Leudaich ionad do phàillein, agus sgaoileadh iad a‑mach bratan‐còmhdaich do bhùthan; na caomhain, leig am fad do chùird, agus daingnich do chuaillean
Explore Isaiah 54:2
6
Isaiah 54:13
Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.
Explore Isaiah 54:13
7
Isaiah 54:8
Ann an corraich bhig dh’fhalaich mi mo ghnùis car tiota uat; ach le coibhneas sìorraidh nì mi tròcair ort, deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh.
Explore Isaiah 54:8
8
Isaiah 54:7
Rè tiota bhig, dhealaich mi riut; ach le mòr iochd cruinnichidh mi thu.
Explore Isaiah 54:7
9
Isaiah 54:9
Oir tha seo mar uisgeachan Nòah dhomh; mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeachan Nòah tuilleadh thar an talamh, is amhail a mhionnaich mi nach bithinn ann an corraich riut, agus nach toirinn achmhasan dhut.
Explore Isaiah 54:9
10
Isaiah 54:12
Agus nì mi d’uinneagan de chlachan rùbi, agus do gheatachan de charbuncalan, agus d’uile iomall de chlachan rìomhach.
Explore Isaiah 54:12