YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 53

53
1 Tha am fàidh a’ gearan gu robh an sluagh a dh’easbhaidh creidimh. 4 Fulangas Chrìosd: 11 Chì e de shaothair anama agus bithidh e toilichte.
1Cò a chreid ar teachdaireachd#Eòin 1:7, 12; Eph 1:18, 19? Agus cò don robh gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh#Eòin 12:37; Ròm 10:16?
2Oir fàsaidh e suas mar fhaillean na làthair, agus mar fhreumh à talamh tioram; chan eil sgèimh no grinneas aige, gun amhairceamaid air; cha mhò a tha maise aige, gun iarramaid e.
3Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine#Lùc 23:18, etc.; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn#Eabh 4:15; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn#53:3 no, mar neach a bheir oirnn ar n‑aghaidh fhalach uaithe., tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.
4Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e#Mat 26:37; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh.
5Ach lotadh e airson ar peacadh‐ne#Ròm 5:6‐10, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan‐san shlànaicheadh sinne#1 Pead 2:24, 25.
6Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn#Ròm 4:25; 1 Pead 3:18.
7Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd‐lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.
8O#53:8 no, le fòirneart agus le. fhòirneart agus o bhreitheanas thugadh air falbh e#Gnìo 8:32, 35; agus a ghinealach cò a chuireas an cèill? Oir ghearradh as e o thìr nam beò#Daniel 9:26; airson easaontas mo shluaigh‐sa bha e air a throm‐bhualadh.
9Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs#Mat 27:57; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul.
10Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt‐rèitich#2 Cor 5:21; Eabh 9:24‐26, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh#2 Tes 1:11.
11De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach#1 Eòin 2:1 mòran fhìreanachadh#Ròm 3:24; oir giùlainidh e an euceartan.
12Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs#Mat 27:50; Eabh 12:2; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar‐ghuidhe airson nan ciontach#Eabh 7:25; 1 Eòin 2:1.

Currently Selected:

Isaiah 53: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in