Isaiah 51
51
1 Chomhairlicheadh do na fìreanan an dòchas a chur anns an Tighearna, do bhrìgh gun toir e comhfhurtachd do Shion. 4 Mu thimcheall fìreantachd agus slàinte Dhè. 7 Cha chòir eagal a ghabhail ro mhasladh dhaoine. 17 Tha am fàidh a’ dèanamh caoidh airson Ierusaleim.
1Eisdibh rium#Isa 51:7, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd#Ròm 9:30, 31, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh.
2Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair#Eabh 11:8‐12, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar#Gen 12:1, 2, agus bheannaich mi e#Gen 22:17; 24:1, 35, agus rinn mi lìonmhor e.
3Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion#Isa 52:9; Salm 85:8; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte#1 Pead 1:8, breith‐buidheachais agus fonn ciùil.
4Eisdibh rium, O mo shluagh; agus thugaibh aire dhomh, O mo chinneach; oir thig reachd a‑mach uam#Ròm 8:2, agus foillsichidh mi mo bhreitheanais a‑chum solais do na slòigh.
5Tha m’fhìreantachd am fagas#Isa 56:1, tha mo shlàinte air dol a mach, agus nì mo ghàirdean breitheanas air na fineachan#Salm 98:9; feithidh na h‑eileanan rium#Isa 42:4; 60:9, agus ann am ghàirdean cuiridh iad an dòchas.
6Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich#Eabh 1:11, 12; 2 Pead 3:10, 12, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd‐àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte‐sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl#Daniel 9:24.
7Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd#Isa 51:1‐4, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe#Salm 37:31; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine#Mat 10:28, agus na gabhaibh geilt ron càineadh.
8Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan#Iob 4:19‐21 agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd‐sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean.
9Dùisg, dùisg, cuir umad neart#Tais 11:13, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab#Salm 89:10, a lot an dràgon#Isa 27:1; Salm 74:13, 14?
10Nach tusa a thiormaich an fhairge#Ecs 14:21, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis?
11Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna#Isa 35:10, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith‐bhuan air an ceann#Iùd 1:24; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh#Tais 21:4.
12Is mise, eadhon mise#Isa 51:3; 2 Cor 1:3, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?
13Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor‐eagal ort gach là, airson corraich an fhir‐shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir‐shàrachaidh?
14Tha an ciomach a’ dèanamh deifir gu bhith air fhuasgladh, a‑chum nach faigh e bàs anns an t‑sloc#Sech 9:11, agus nach fàilnich aran.
15Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.
16Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul#Eòin 3:34, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu#Isa 49:2; a shuidheachadh nan nèamhan#Isa 65:17; 1 Rìgh 12:27, 28; 2 Pead 3:13, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.
17Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball‐chrith#Isa 51:22; Salm 75:8.
18Chan eil fear‐stiùraidh aice, am measg nan uile mhac a rug i; chan eil aon a ghlacas air làimh i, am measg nan uile mhac a dh’altraim i.
19Thachair an dà nì seo dhut; cò a nì caoidh air do shon? Creachadh agus milleadh, a’ ghort, agus an claidheamh; cò a bheir dhut comhfhurtachd#Tuir 2:11‐13; Amos 7:2?
20Tha do mhic air fannachadh, tha iad air tuiteam sìos aig ceann gach sràide, mar tharbh fiadhaich ann an lìon; lìonadh iad làn de chorraich an Tighearna, de achmhasan do Dhè.
21Air an adhbhar sin, cluinn seo a‑nis, O thusa a tha fo àmhghar, agus air mhisg#Tuir 3:15, ach chan ann le fìon:
22Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh#Salm 35:1; Ier 50:34; Mic 7:9: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball‐chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò#Isa 54:7‐9:
23Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd‐sàrachaidh#Ier 25:17‐20, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr#Salm 66:11, 12, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad.
Currently Selected:
Isaiah 51: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017