Isaiah 52
52
1 Thug Dia comhfhurtachd don eaglais. 7 Maise rìoghachd Chrìosd. 9 Chomhairlicheadh don eaglais gàirdeachas a dhèanamh ann an slàinte a Tighearna. 13 Glòir Chrìosd nuair a dh’àrdaichear e.
1Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh#Neh 11:1; Tais 21:2, 27; oir cha tèid an neo‐thimcheall‐gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò#Nah 1:15.
2Crath thu fhèin on duslach#Sech 2:7; rach suas, dèan suidhe, O Ierusaleim; fuasgail thu fhèin o cheanglaichean do mhuineil, O nighean Shioin a tha fo dhaorsa.
3Oir mar seo deir an Tighearna, Air neoni#52:3 reic sibh sibh fhèin. reiceadh sibh#Ròm 7:14, 25, agus chan ann le airgead a dh’fhuasglar sibh.
4Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Chaidh mo shluagh sìos don Eiphit an toiseach, gu bhith air chuairt an sin; agus rinn an t‑Asirianach, mu dheireadh, an sàrachadh.
5Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd‐riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm‐sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim#Ròm 2:24.
6Air an adhbhar sin, bidh eòlas aig mo shluagh air m’ainm; air an adhbhar sin bidh fhios aca air an là sin gur mise an tì a tha a’ labhairt; feuch, is mise a tha ann.
7Cia maiseach air na slèibhtean#Nah 1:15; Ròm 10:15 casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil#Lùc 2:10, 11, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!
8Togaidh do luchd‐faire an guth; len guth nì iad iolach le chèile; oir chì iad aghaidh ri aghaidh#1 Cor 13:12, nuair a bheir an Tighearna Sion air a h‑ais.
9Brisibh a‑mach le gàirdeachas, dèanaibh ceòl le chèile, O fhàsaichean Ierusaleim; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, shaor e Ierusalem.
10Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh#Salm 98:2, 3 ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne#Lùc 3:6.
11Imichibh, imichibh#Sech 2:6, 7; 2 Cor 6:17; Tais 18:4; rachaibh a‑mach as a sin; na beanaibh ri nì neòghlan#Lebh 15:5, etc.; Hag 2:13; rachaibh a‑mach as a meadhon; bithibh‐se glan#Lebh 22:2, etc., a tha a’ giùlan soithichean an Tighearna.
12Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil.
13Feuch, nì m’òglach gu glic; bidh e air a thogail suas, agus air àrdachadh, agus bidh e ro‑àrd.
14Mar a ghabh mòran iongantas riut (is cho mòr a’ mhì‐mhaise a rinneadh air a aghaidh, seach aon duine; agus air a dhreach, seach clann dhaoine);
15Mar sin crathaidh e uisge#Esec 36:25 air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near.
Currently Selected:
Isaiah 52: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017