YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 50

50
1 Is ann airson an do‑bheartan fhèin a thilgeadh na h‑Iùdhaich air falbh. 5 Fulangas Chrìosd. 7 Tha Dia na fhear‐cuideachaidh da sheirbhiseach. 10 Earail gu earbsadh as an Tighearna.
1Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir‐dhealachaidh ur màthar#Ier 3:8; Hos 2:2 a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd‐fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh#50:1 no, reic sibh sibh fhèin. air ur reic#Isa 52:3; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.
2Carson, nuair a thàinig mi, nach robh aon neach ann? Nuair a ghairm mi, nach tug aon neach freagradh? A bheil mo làmh air fàs cho ro‑ghoirid is nach urrainn mi saoradh? Agus a bheil mi gun chumhachd agam gu tèarnadh? Feuch, lem achmhasan tiormaichidh mi an fhairge, nì mi na h‑aibhnichean nam fàsach; tha an iasg a’ lobhadh a dh’easbhaidh uisge, agus a’ bàsachadh le tart.
3Eididh mi na nèamhan le dubh‐dhorchadas, agus cuiridh mi aodach‐saic orra mar chòmhdach.
4Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte#Mat 13:54, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach#Mat 11:28; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
5Dh’fhosgail an Tighearna Iehòbhah mo chluas#Salm 40:6‐8, agus cha robh mi ceannairceach#Mat 26:39; Eòin 14:31; cha mhò a thionndaidh mi air m’ais.
6Thug mi mo dhruim don luchd‐bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile.
7Oir is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear‐cuideachaidh, air an adhbhar sin cha chuirear mi gu amhluadh; uime sin shuidhich mi mo ghnùis mar chloich‐theine, agus tha fhios agam nach nàraichear mi.
8Tha esan am fagas a dh’fhìreanaicheas mi#Ròm 8:32‐34; cò esan a nì strì rium? Seasamaid a‑mach le chèile; cò e m’eascaraid#Sech 3:1, etc.; Tais 12:10? Thigeadh e dlùth am chòdhail.
9Feuch, is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear‐cuideachaidh; cò a dhìteas mi? Feuch, fàsaidh iad uile sean mar thrusgan#Iob 13:28; ithidh an leòmann suas iad#Isa 51:8.
10Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas#Salm 23:4; Mic 7:8 agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna#Iob 13:15; Salm 52:8; Nah 1:7; Eabh 10:35‐37, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.
11Feuch, sibhse uile a tha a’ fadadh teine, a tha gur cuartachadh fhèin le sradan; siùbhlaibh ann an solas ur teine#Ecl 11:9, agus nan sradan a las sibh; seo gheibh sibh om làimh‐sa, laighidh sibh sìos ann an doilgheas#Salm 16:4.

Currently Selected:

Isaiah 50: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in