1
Isaiah 51:12
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?
Compare
Explore Isaiah 51:12
2
Isaiah 51:16
Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.
Explore Isaiah 51:16
3
Isaiah 51:7
Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh.
Explore Isaiah 51:7
4
Isaiah 51:3
Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith‐buidheachais agus fonn ciùil.
Explore Isaiah 51:3
5
Isaiah 51:11
Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith‐bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.
Explore Isaiah 51:11