1
Isaiah 50:4
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
Compare
Explore Isaiah 50:4
2
Isaiah 50:7
Oir is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear‐cuideachaidh, air an adhbhar sin cha chuirear mi gu amhluadh; uime sin shuidhich mi mo ghnùis mar chloich‐theine, agus tha fhios agam nach nàraichear mi.
Explore Isaiah 50:7
3
Isaiah 50:10
Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.
Explore Isaiah 50:10