Isaiah 49
49
1 Tha Crìosd a’ gearan gun do shaothraich e gu dìomhain am measg nan Iùdhach. 5 Thug Dia e mar sholas do na cinnich gu iomall na talmhainn. 13 Mairidh gràdh an Tighearna gu bràth da eaglais: 24 tèarnaidh Dia i o a luchd‐sàrachaidh.
1Eisdibh, O eileanan, riumsa; agus thugaibh aire, a shlòigh, o chèin; on bhroinn ghairm an Tighearna mi#Ier 1:5; Lùc 1:15, 31; Gal 1:15; o chom mo mhàthar thug e luaidh air m’ainm.
2Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur#Hos 6:5; Eabh 4:12; Tais 1:16; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi#Isa 51:16; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte#Salm 45:5; thaisg e mi na dhòrlach.
3Agus thubhairt e rium, Is tu m’òglach, O Israeil, anns am bi mi air mo ghlòrachadh#Isa 43:21; Eòin 13:31; 1 Pead 2:9.
4Agus thubhairt mise, Shaothraich mi gu dìomhain; airson neoni, agus airson dìomhanais, chaith mi mo neart; ach gu cinnteach tha mo bhreith maille ris an Tighearna, agus m’obair#49:4 mo luach‐saothrach. maille rim Dhia.
5Agus a‑nis mar seo deir an Tighearna, a dhealbh mi on bhroinn gu bhith am òglach dha, a thabhairt Iàcoib air ais da ionnsaigh, agus a‑chum#49:5 ged nach bi. gum bi Israel air a chruinneachadh thuige#Mat 23:37; uime sin bidh mi glòrmhor ann an sùilean an Tighearna, agus bidh mo Dhia na neart dhomh:
6Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich#Gnìo 13:47, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
7Mar seo deir an Tighearna, fear‐saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris‐san a tha air a dhìmeas le daoine#Isa 53:3, ris‐san don do ghabh an cinneach gràin#Lùc 23:18‐23; ri seirbhiseach an luchd‐riaghlaidh. Chì rìghrean#Salm 72:10, 11, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.
8Mar seo deir an Tighearna, Ann an àm taitneach chuala mi thu#Salm 69:13; 2 Cor 6:2; Eph 1:6, agus ann an là na slàinte chuidich mi thu; agus gleidhidh mi thu, agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh; a dhaingneachadh na tìre, agus a thabhairt air na h‑oighreachdan fàsail a bhith air an sealbhachadh;
9A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach#Sech 9:12; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais#1 Pead 2:9. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.
10Cha bhi acras no tart orra#Tais 7:16, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh#Salm 23:2, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge.
11Agus nì mi mo shlèibhtean uile nan slighe chòmhnaird#Salm 107:4, 7, agus togar suas mo ròidean mòra.
12Feuch, thig iad seo o chèin; agus, feuch, iad seo o thuath agus on iar; agus iad seo o thìr Shinim.
13Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.
14Ach thubhairt Sion, Thrèig an Tighearna mi#Salm 77:9, 10, agus rinn mo Thighearna mo dhìochuimhneachadh.
15An dìochuimhnich màthair a leanabh‐cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa#Isa 44:21; Mat 7:11.
16Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu#DànShol 8:6; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.
17Nì do chlann deifir; siùbhlaidh iadsan a‑mach asad, a bha gad sgrios agus gad chur fàs#Esec 28:24; Mat 13:41, 42; Tais 22:15.
18Tog suas do shùilean, agus faic; tha iad seo uile air an cruinneachadh ri chèile#Isa 60:8; Sech 2:4; 10:10, tha iad a’ teachd ad ionnsaigh. Mar as beò mise, deir an Tighearna, sgeadaichidh tu thu fhèin leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar a nì bean‐bainnse a seudan.
19Oir d’ionadan fàsail agus faondrach, agus fearann do lèirsgrios, eadhon a‑nis bidh e air a dhòmhlachadh le luchd‐àiteachaidh; agus siùbhlaidh iadsan fad air falbh a bha gad shlugadh suas.
20Their a’ chlann, a sgaradh uat#Ròm 11:11, etc., fhathast ann ad chluasan, Tha an t‑ionad seo ro chumhang air mo shon; thoir àite dhomh a‑chum gun gabh mi còmhnaidh.
21An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?
22Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, togaidh mise mo làmh ris na cinnich#Isa 66:20, agus ris na slòigh cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad do mhic nan uchd, agus giùlainear do nigheanan air an guaillean.
23Agus bidh rìghrean nan oideachan‐altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean‐altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas#Salm 72:9, etc.; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa#Ròm 9:33.
24An toirear a’ chreach on fhear làidir#Mat 12:29, no an leigear a’ chobhartach dhligheach as?
25Ach mar seo deir an Tighearna, Bheirear eadhon cobhartach an fhir làidir uaithe, agus thèid creach an fhir uamhasaich as; oir gleacaidh mi ris‐san a ghleacas riut, agus do chlann tèarnaidh mi.
26Agus bheir mi air do luchd‐sàrachaidh am feòil fhèin ithe#Tais 16:6; agus cuiridh mi air mhisg iad lem fuil fhèin, mar le fìon nuadh; agus bidh fhios aig gach uile fheòil gur mise an Tighearna do Shlànaighear, agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
Currently Selected:
Isaiah 49: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017