Isaiah 40
40
1 Thug Dia comhfhurtachd da shluagh. 3 Searmonachadh Eòin Bhaistidh. 9 Deagh sgeul an t‑soisgeil. 12 Mòrachd agus cumhachd an Tighearna.
1Thugaibh comhfhurtachd#Eabh 6:17, 18, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh‐sa, deir ur Dia.
2Labhraibh gu sòlasach#40:2 ri cridhe Ierusaleim. ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread#Isa 61:7 ra h‑uile pheacaidhean.
3Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach#Mat 3:3, Ullaichibh slighe an Tighearna#Mal 3:1; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia‑ne.
4Bidh gach gleann air àrdachadh, agus gach sliabh agus cnoc air ìsleachadh; agus nìthear an cam dìreach#Isa 45:2, agus na h‑ionadan garbha nan còmhnard rèidh.
5Agus foillsichear glòir an Tighearna#Isa 35:2; Hab 2:14, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair.
6Tha guth ag ràdh, Eigh; agus thubhairt mise, Ciod a dh’èigheas mi? Is feur gach uile fheòil#Salm 103:15; Seum 1:10, 11, agus tha a h‑òirdheirceas uile mar bhlàth na machrach:
7Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh, nuair a shèideas gaoth an Tighearna air; gu cinnteach is feur an sluagh.
8Tha am feur a’ seargadh#1 Pead 1:24, 25, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh#Marc 13:31.
9O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion#40:9 no, O Shion, a tha tabhairt deagh sgèil., gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia!
10Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris#Tais 22:12, agus a obair#40:10 a luach‐saothrach. na fhianais.
11Mar bhuachaille#Salm 23:1; Eòin 10:11 beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.
12Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach‐tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh‐chothroim?
13Cò a sheòl Spiorad an Tighearna#Ròm 11:34, no mar aon de a chomhairle, a theagaisg e?
14Cò ris a chuir e a chomhairle, agus cò a theagaisg e, agus a sheòl dha ceum a’ bhreitheanais, agus a dh’ionnsaich dha eòlas, agus a sheòl dha slighe na tuigse?
15Feuch, tha na cinnich mar bhoinne an t‑soithich‐uisge; agus measar iad mar dhus mìn na slige‐tomhais: feuch, togaidh e suas na h‑eileanan mar smùirnean:
16Agus cha leòr Lebanon gu a losgadh, agus cha leòr a bheathaichean airson ìobairt‐loisgte.
17Tha na cinnich uile mar neoni na làthair‐san#Daniel 4:35; tha iad air am meas leis mar fhìor neoni#40:17 nas lugha na neo‐ni, Salm 62:9. agus dìomhanas.
18Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha?
19Tilgidh am fear‐ceàirde dealbh snaidhte#Isa 41:6, 7; 44:12, etc.; Ier 10:3, etc., agus cuiridh an t‑òr‑cheàrd thairis e le òr; agus nì e slabhraidhean airgid air a shon.
20Am fear aig nach eil fiù tabhartais, taghaidh e mìr fiodha nach grod; iarraidh e a‑mach dha fhèin fear‐obrach seòlta, a chuireas an uidheam dealbh snaidhte nach tèid a ghluasad.
21Nach d’fhuair sibh fios#Salm 19:1; Gnìo 14:17; Ròm 1:19, 20? Nach cuala sibh sgeul? Nach do chuireadh an cèill dhuibh o thùs#Ròm 3:1, 2? Nach do thuig sibh o leagadh bunaitean na talmhainn?
22Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd‐àiteachaidh mar fhionnain‐fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar#40:22 mar chùirtein. sgàil thana#Iob 9:8, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh;
23A tha a’ tabhairt phrionnsachan gu neoni#Iob 12:21; Salm 107:40, agus a’ dèanamh bhritheamhan nan dìomhanas.
24Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt‐ghaoth air falbh iad mar asbhuain.
25Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise#Daniel 4:23, etc., no a choimeasar mi? deir an Tì naomh.
26Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh#Salm 147:4; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall.
27Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna#Salm 77:7, etc., tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia?
28Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich#Isa 59:1 agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh#Salm 147:5; Ròm 11:33.
29Bheir esan neart don anfhann#2 Cor 12:9, 10, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.
30Fàsaidh na h‑òigfhir lag agus sgìth, agus tuitidh an òigridh thaghte gu làr;
31Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna#Salm 84:7; 92:1, 13, gheibh iad spionnadh nuadh#Salm 103:5; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad#Eabh 12:1 agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann#Mic 4:5.
Currently Selected:
Isaiah 40: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017