Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach‐tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh‐chothroim?
Cò a sheòl Spiorad an Tighearna, no mar aon de a chomhairle, a theagaisg e?
Cò ris a chuir e a chomhairle, agus cò a theagaisg e, agus a sheòl dha ceum a’ bhreitheanais, agus a dh’ionnsaich dha eòlas, agus a sheòl dha slighe na tuigse?