YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 41

41
1 Nochd Dia a fhreasdal agus a ghràdh don eaglais. 9 Chomhairlich e da shluagh an dòchas a shuidheachadh airsan do bhrìgh gun cùm e suas iad le deas làimh fhìreantachd. 21 Dìomhanas nan dia coimheach.
1Bithibh nur tosd am làthair#Sech 2:13, O eileanan, agus ath‐nuadhaicheadh na slòigh an neart; thigeadh iad am fagas, an sin labhradh iad; dlùthaicheamaid ri chèile a‑chum tagraidh.
2Cò a dhùisg suas an t‑ionracan on ear, a ghairm e a‑chum a choise#Isa 46:11, a chuir na cinnich na fhochar#Esra 1:2, agus a thug dha riaghladh thar rìghrean; a rinn iad mar an duslach ro a chlaidheamh, agus mar an asbhuain fhuadaichte ro a bhogha?
3Ruaig e iad, chaidh e thairis ann an tèarainteachd, air slighe air nach d’imich e roimhe le a chasan.
4Cò a dh’obraich agus a choilean seo, a’ gairm nan ginealach o thùs? Mise an Tighearna, an ciad neach#Tais 1:17; 22:13, agus maille riùsan air dheireadh, is mise e.
5Chunnaic na h‑eileanan, agus ghabh iad eagal; iomallan na tìre, agus bha iad fo uamhas; dhlùthaich iad, thàinig iad am fagas.
6Chuidich gach fear a choimhearsnach, agus thubhairt e ra bhràthair, Bi misneachail.
7Mar sin thug an saor#Isa 40:19 misneach don òr‑cheard; esan a mhìnicheas leis an òrd, don fhear a bhuaileas air an innein, ag ràdh, Tha e ullamh a‑chum a thàthadh; agus dhaingnich e le tàirngean e, air chor is nach gluaiste e.
8Ach thusa Israeil, m’òglach, a Iàcoib, a roghnaich mi#Salm 135:4; sliochd Abrahàim, mo charaid#2 Each 20:7; Seum 2:23;
9Thusa, a stiùir mi o iomallan na talmhainn, agus a ghairm mi o mheasg a maithean; agus thubhairt mi riut, Is tu m’òglach; roghnaich mi thu, agus cha do chuir mi cùl riut:
10Na biodh eagal ort#Isa 41:13, 14; Isa 43:5, oir tha mise maille riut#Deut 31:6, 8; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu#Isa 40:29; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
11Feuch, nàraichear agus maslaichear#Isa 45:24; Sech 12:3 iadsan uile a bha air bhoile riut; bidh iad mar neoni; agus thèid iadsan a nì strì riut am mugha.
12Iarraidh tu iad, agus chan fhaigh thu iad, eadhon na daoine a rinn strì riut; bidh na daoine a rinn cogadh riut mar neoni, agus mar nì gun bhrìgh.
13Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis#Deut 33:26‐29; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.
14Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil.
15Feuch, nì mise thu ad inneal‐bualaidh geur nodha, aig am bi fiaclan; buailidh tu na slèibhtean#Mic 4:13, agus pronnaidh tu gu mìn iad; agus nì thu na cnuic mar mholl.
16Fasgnaidh tu iad#Mat 3:12, agus bheir a’ ghaoth air falbh iad, agus sgapaidh a’ chuairt‐ghaoth iad; ach nì thusa gàirdeachas anns an Tighearna#Ròm 5:11, nì thu uaill ann an Tì naomh Israeil#Isa 45:25.
17Nuair a bhios am bochd agus an t‑ainnis ag iarraidh uisge, agus nach bi e ann; agus a bhios an teanga air tiormachadh le tart; mise Iehòbhah freagraidh mi iad; Dia Israeil, is mi nach trèig iad.
18Fosglaidh mi aibhnichean anns na h‑ionadan àrda#Salm 105:41, agus tobraichean ann am meadhon nan gleann; nì mi am fàsach na linne uisge#Salm 107:35, agus am fearann tioram na shruthan uisge.
19Cuiridh mi anns an fhàsach an seudar, an sitta, am miortal#Isa 55:13, agus an crann‐ola; suidhichidh mi anns an fhàsach an giuthas, an gall‐ghiuthas agus am bocsa le chèile:
20A‑chum gum faic agus gun aithnich iad, agus gun toir iad fa‑near, agus gun tuig iad maraon, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, agus gur e Tì naomh Israeil a dhealbh e.
21Thugaibh am fagas ur cùis, deir an Tighearna; thugaibh an làthair ur mòr‐chumhachdan, deir rìgh Iàcoib.
22Thigeadh iad am fagas#Eòin 13:19, agus innseadh iad dhuinn na nithean a thig gu crìch; innseadh iad dhuinn ciod iad na nithean a bha roimhe, a‑chum gun toir sinn fa‑near iad; agus gum bi fhios againn air a’ chrìch; no cuireadh iad an cèill nithean ri teachd.
23Innsibh dhuinn na nithean a thig gu crìch an dèidh seo, agus aithnichidh sinn gur diathan sibh; seadh, dèanaibh math, no dèanaibh olc, a chum gun amhairc sinn, agus gum faic sinn e maraon.
24Feuch, is neoni sibh, agus is nì gun bhrìgh ur n‑obair: is gràinealachd esan a roghnaicheas sibh.
25Thog mi suas fear o thuath#Isa 41:2, agus thig e; o èirigh na grèine gairmidh e air m’ainm; agus thig e a‑nuas air prionnsachan mar air clàbar, agus mar a shaltras an creadhadair a’ chriadh.
26Cò a dh’innis o thùs, ionnas gum biodh fios againn; agus ro làimh, gun abramaid, Tha e ceart? Seadh, chan eil neach ag innse, seadh chan eil neach a’ cur an cèill, seadh, chan eil neach a’ cluinntinn ur briathran.
27Their mi ri Sion an toiseach, Feuch, feuch iad sin; agus do Ierusalem bheir mi teachdaire#Isa 40:9 deagh sgeòil#Lùc 2:10, 11.
28Oir dh’amhairc mi, agus cha robh neach ann, agus nam measg cha robh fear‐comhairle; no neach a bheireadh freagradh nuair a dh’fheòraich mi dhiubh.
29Feuch, is dìomhanas iad uile; is neoni an obraichean; is gaoth agus faoineis an dealbhan leaghte.

Currently Selected:

Isaiah 41: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in