YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 39

39
1 Chuir Merodach‐baladan teachdairean a dh’ionnsaidh Heseciah: 2 dh’fheuch esan daibh uile ionmhas a thaighe: 3 nuair a chuala Isaiah seo, dh’innis e do Heseciah gun rachadh gach nì a bha na thaigh a ghiùlan air falbh ga Bàbilon.
1Anns an àm sin, chuir Merodach‐baladan#2 Rìgh 20:12, etc.; 2 Each 32:31, mac Bhaladain rìgh Bhàbiloin, litir agus tìodhlac gu Heseciah; oir chuala e gu robh e tinn, agus gun do shlànaicheadh e.
2Agus rinn Heseciah gàirdeachas air an son; agus dh’fheuch e dhaibh taigh‐tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidhean, agus an ola luachmhor, agus a thaigh‐armachd gu lèir, agus gach uile nì a fhuaireadh na ionmhasan; cha robh nì na thaigh agus na rìoghachd uile nach d’fheuchte dhaibh.
3Agus thàinig am fàidh Isaiah gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad am ionnsaigh o thìr chèin, o Bhàbilon.
4Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad ann ad thaigh? Agus thubhairt Heseciah, Na h‑uile nithean a tha ann am thaigh chunnaic iad; chan eil nì ann am ionmhasan nach d’fheuch mi dhaibh#Gnà 23:5.
5An sin thubhairt Isaiah ri Heseciah, Cluinn facal Tighearna nan sluagh;
6Feuch, tha na làithean a’ teachd#Ier 20:5 anns am bi gach nì a tha ann ad thaigh, agus a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air a ghiùlan air falbh gu Bàbilon#2 Rìgh 25:6, etc.; chan fhàgar nì air bith, deir an Tighearna.
7Agus ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo; agus bidh iad nan caillteanaich#39:7 air a choileanadh, Daniel 1:2‐7. ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin.
8An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna#1 Sam 3:18 a labhair thu; oir thubhairt e gum bi sìth agus fìrinn ann rè mo làithean‐sa.

Currently Selected:

Isaiah 39: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in