Isaiah 38
38
1 Nuair bha Heseciah tinn gu bàs rinn e ùrnaigh ri Dia, agus fhuair e gealladh gun cuireadh còig‐bliadhna‐deug ri a làithean. 7 Mar chomharradh air seo thug Dia air ais dubhar nan ceum. 9 Laoidh‐bhuidheachais Heseciah.
1Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs#2 Rìgh 20:1, etc.; 2 Each 32:24; agus thàinig Isaiah am fàidh, mac Amois, da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh; oir gheibh thu bàs, agus cha mhair thu beò.
2An sin thionndaidh Heseciah a aghaidh ris a’ bhalla, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna;
3Agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna#Neh 13:14; Eabh 6:10, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
4An sin thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Isaiah, ag ràdh,
5Falbh agus abair ri Heseciah, Mar seo deir an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir; feuch, cuiridh mi rid làithean còig‐bliadhna‑deug;
6Agus saoraidh mi thusa agus am baile seo à làimh rìgh Asiria; agus dìonaidh mi am baile seo.
7Agus thubhairt Isaiah, Is e seo as comharradh#Isa 7:11, 14 dhut gun dèan an Tighearna an nì a labhair e:
8Feuch, bheir mi air ais dubhar nan ceum, a tha air dol leis a’ ghrèin air ceuman Ahais, deich ceuman air ais. Agus thill a’ ghrian air a h‑ais deich ceuman air na ceuman air an deachaidh i sìos.
9Sgrìobhadh Heseciah rìgh Iùdah, nuair a bha e tinn, agus a shlànaicheadh e o a thinneas:
10Thubhairt mi#Iob 7:7, etc.; Salm 77:3, etc., ann an giorrachadh mo làithean, Thèid mi a‑steach air dorsan na h‑uaighe: chaill mi fuidheall mo bhliadhnachan.
11Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò#Salm 27:13; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail.
12Tha m’aois air dealachadh rium, agus dh’atharraicheadh i air falbh mar phàillean buachaille; ghearradh as mo bheatha mar gum b’ann leis an fhigheadair#38:12 on dlùth.; tha e gam chlaoidh le tinneas caithteach; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh.
13Shaoil mi, gus a’ mhadainn, gum briseadh e, mar leòmhann, mo chnàmhan uile; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh.
14Mar ghòbhlan‐gaoithe no mar chòrr, rinn mi cànran; rinn mi caoidh mar chalaman#Isa 59:11; Esec 7:16: tha mo shùilean air fàilneachadh le sealltainn suas. O Thighearna, tha mi air mo shàrachadh; bi thusa ad urras dhomh.
15Ciod a their mi? Labhair e rium, agus fòs choilean e. Gluaisidh mi gu fòil#1 Rìgh 21:27 uile bhliadhnachan mo bheatha airson àmhghar m’anama#Iob 10:1.
16O Thighearna, tro na nithean sin bidh iad beò#Eabh 12:10, 11, agus anns na nithean sin tha beatha mo spioraid: mar sin shlànaich agus bheothaich thu mi.
17Feuch, tha m’àmhghar air a chaochladh gu fois#38:17 no, an àite sìthe bha agam mòr shearbhas; ach theasairg, etc.; theasairg thu gu caomh m’anam o shloc millteach; seadh, thilg thu air do chùlaibh m’uile lochdan.
18Gu deimhinn cha dèan an uaigh luaidh ort#Salm 6:5; cha toir am bàs cliù dhut; cha chuir iadsan a thèid sìos don t‑sloc an dòigh ann ad fhìrinn.
19Am beò, am beò, molaidh esan thu, mar a nì mise air an là‑an‑diugh; foillsichidh an t‑athair don chloinn#Salm 78:3, 4 do thairisneachd.
20Bha an Tighearna leam gum thèarnadh; air an adhbhar sin seinnidh sinn mo dhàin air na h‑innealan‐ciùil, uile làithean ar beatha, ann an taigh an Tighearna.
21Agus thubhairt Isaiah, Gabhadh iad meall fhìgean, agus sgaoileadh iad air an neasgaid iad, agus slànaichear e.
22Agus thubhairt Heseciah, Ciod e an comharradh gun tèid mi suas do thaigh an Tighearna#Salm 84:2?
Currently Selected:
Isaiah 38: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017