YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 37

37
1 Na theanntachd chuir Heseciah fios a dh’ionnsaidh Isaiah gu ùrnaigh a dhèanamh air a shon. 8 Litir Shenacherib. 14 Ùrnaigh Heseciah. 21 Ro‑innis Isaiah sgrios Shenacherib. 36 Bhuail aingeal an Tighearna camp nan Asirianach.
1Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e#2 Rìgh 19:1, etc., reub e aodach#Iob 1:20, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach‐saic, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna#Isa 37:14.
2Agus chuir e Eliacim a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le aodach‐saic#Ioel 1:13, gu Isaiah mac Amois, am fàidh.
3Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn#Salm 50:15 agus achmhasain#Isa 25:8; Tais 3:19 agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann#Isa 66:9.
4Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab‐saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò#Isa 37:23, 24; Isa 51:7, 8; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh#Ròm 9:27.
5Mar sin thàinig òglaich rìgh Heseciah gu Isaiah.
6Agus thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort#Isa 43:1, 2; 51:12, 13 airson nam briathran a chuala tu, leis an tug òglaich rìgh Asiria masladh dhòmhsa.
7Feuch cuiridh mi osag#37:7 no, spiorad. air, agus cluinnidh e tuairisgeal, agus tillidh e da thìr fhèin, agus bheir mi air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin.
8Mar sin thill Rab‐saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah#Àir 33:20, 21; Ios 21:13; oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis#Ios 10:31‐34.
9Agus nuair a chuala e mu thimcheall Thirhacah rìgh Etiopia, ag ràdh, Thàinig e a‑mach a chogadh riut: chuir e teachdairean gu Heseciah, ag ràdh,
10Mar seo their sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria.
11Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris na dùthchannan uile#Isa 14:17, gan sgrios gu tur; agus am bi thusa air do thèarnadh?
12An do theasairg diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean‐sa, eadhon Gosan#2 Rìgh 17:6, agus Hàran#Gen 12:4; 28:10, agus Reseph, agus mic Edein#Amos 1:5 a bha ann an Telasar?
13Càit a bheil rìgh Hamait#Isa 10:9; Ier 49:23, agus rìgh Arphaid, agus rìgh mòr‐bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah?
14Agus ghabh Heseciah an litir o làimh nan teachdairean, agus leugh e i; agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna#Ioel 2:17‐20, agus sgaoil e i am fianais an Tighearna.
15Agus rinn Heseciah ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh,
16O Thighearna nan sluagh, a Dhia Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban#Ecs 25:22; Salm 80:1; is tusa fhèin ad aonar#Salm 86:10 Dia uile rìoghachdan na talmhainn; is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.
17Crom#Daniel 9:18, O Thighearna, do chluas, agus cluinn; fosgail, O Thighearna, do shùilean#Iob 36:7, agus faic; agus cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.
18Gu deimhinn, O Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich uile, agus am fearann.
19Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obair làmhan duine#Isa 40:19, 20; 44:9; Salm 115:4, etc., fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad.
20Ach a‑nis, O Thighearna ar Dia, teasairg sinn o a làimh; a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa, a Thighearna#Isa 42:8; Salm 46:10, an t‑aon Dia.
21An sin chuir Isaiah mac Amois fios gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, A‑thaobh na h‑ùrnaigh a rinn thu rium mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria#Gnà 15:29; Lùc 18:1;
22Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall‐san: Rinn òigh‐nighean Shioin tàir ort#Salm 31:18; 46:1, 2, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.
23Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil?
24Led luchd‐muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil#37:24 a mhachair thorraich..
25Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeachan; agus le bonn mo chas thiormaich mi uile shruthan nan ionad daingnichte.
26Nach cuala tu o shean gun do rinn mi e, agus o aimsirean cèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e#Isa 10:5, 6, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte a chur fàs nan cùirn sgrios.
27Uime sin bha an luchd‐àiteachaidh air bheag neart; bha iad fo gheilt‐chrith agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh uaine; mar fheur mullach an taighe, agus mar an t‑arbhar a sheargas mum fàs e suas.
28Ach is aithne dhomh do shuidhe sìos, agus do dhol a‑mach, agus do theachd a‑steach, agus do bhoile am aghaidh.
29A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin#Isa 30:28; Esec 38:4, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu.
30Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithibh air a’ bhliadhna seo an nì sin a dh’fhàsas leis fhèin, agus an dara bliadhna an nì a chinneas as a sin; agus an treas bliadhna cuiribh agus buainibh; agus suidhichibh fìon‐liosan, agus ithibh an toradh.
31Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus giùlainidh e toradh suas.
32Oir o Ierusalem thèid fuidheall a‑mach, agus iadsan a thèid as o shliabh Shioin: nì eud Tighearna nan sluagh seo a choileanadh.
33Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e a‑steach don chathair seo, agus cha tilg e saighead innte, agus cha tog e sgiath fa comhair, agus cha chuir e suas tòrr na h‑aghaidh.
34Air an t‑slighe air an tàinig e, mar sin tillidh e; agus don chathair seo cha tig e a‑steach, deir an Tighearna.
35Agus dìonaidh mise a’ chathair seo a‑chum a tèarnadh#Isa 38:6; Ier 17:25, 26, air mo sgàth fhèin, agus air sgàth Dhaibhidh m’òglach.
36Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach#Isa 10:12, etc., agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir‐fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
37Agus thog Senacherib rìgh Asiria air, agus dh’fhalbh e, agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh.
38Agus thàrladh, nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroch, a dhia, gun do bhuail Adramelec agus Sareser, a mhic, e leis a’ chlaidheamh#Isa 14:9‐12, agus theich iad do thìr Armenia#37:38 Ararait.; agus rìghich Esarhadan a mhac na àite.

Currently Selected:

Isaiah 37: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in