1
Isaiah 38:5
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Falbh agus abair ri Heseciah, Mar seo deir an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir; feuch, cuiridh mi rid làithean còig‐bliadhna‑deug
Compare
Explore Isaiah 38:5
2
Isaiah 38:3
Agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
Explore Isaiah 38:3
3
Isaiah 38:17
Feuch, tha m’àmhghar air a chaochladh gu fois; theasairg thu gu caomh m’anam o shloc millteach; seadh, thilg thu air do chùlaibh m’uile lochdan.
Explore Isaiah 38:17
4
Isaiah 38:1
Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs; agus thàinig Isaiah am fàidh, mac Amois, da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh; oir gheibh thu bàs, agus cha mhair thu beò.
Explore Isaiah 38:1